Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
XXXVI.
Thug creitleamh lan cliinnt domh <lar ruith thu do choimhliong,
Gu’n deach thu le ainglibh gu oighreachd na gloir;
Gu’n d’fhailtich an Righ thu, le gnuis bhla, aoidheil,
Gu comuinn nan saoidhean tha chaoidh ann a choir;
Thug crun duit mar dhaoimean, thug trusgan geal soillseach,
Thug clarsach ro bhinn duit de ’n or:
Is dhluthaich le daimh riut, gach fiubhaidh bu bhoisgich,
A thaisbeanadh caoimhneas le aoibhneas is ceol.
XXXVII.
Is bithidh tu fonnmhor gu h-ard measg nan sonn ud,
’S cha mhothaich thu teanntachd’s an fhonn ud a chaoidh
Do ghrian-sa cha chrom i, do speuran cha dhonn iad,
’S le sgios cha chrom thu, ’s cha lom tbu le h-aois:
Ach eiridh do shuaimlmeas, le tuilleadh do luaghar,
Mar dhluthas mu’n cuairt duit le aoidh,
Anaman bhuadhaich, tre’n t-soisgeul a chual iad
O’n mhuinntir a ghluais thuc, tre thuairmis do ghaoil.
XXXVIII.
Do spiorad chaidh sheuladh ting ris as na speuraibh
Measg armailtean greadlmacb tha geilleadh do ’n Righ ;
O’n uir ni gi-ad eiridh, do chom mar chaomh reulta,
Is cuideachd ris theid iad le aoibhneas is aoidh;
’S o d'ionad’s na speuraibh na t-fhianuis bhios geur thu,
Chum diteadh gu leir-sgrios an daoi;
’S le caithream gu’n d’ theid thu, dhachaidh le ’threud-san,
’S mar dhealradh na greine, bi sgeimh ort a chaoidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence