Skip to main content

‹‹‹ prev (16)

(18) next ›››

(17)
15
XVI.
Le deagh-ghean no diombadh ard uachdran no diuca,
Cha deanadh tu crubadh mi-fliiughail gu lair:
Barail luchd turail mu’n diadhachd nach b'fhiu leo,
Ge miaghail’s an du’ich iad, gu’n dhiult thu le tair:
lonmhas no run mhath an t-saoghail, no cbliu math,
Cha tionndadh gu taobh thu gu brach:
Mar Elijah, am fiubhaidh, bha ’n Isr’el’s an ludah,
B’ fhianuis’s an du’ich thu nach lubadh le each.
XVII.
Oir chum thu la chunntaidh, ’s an ceartas do-lubaidh
Gle fha’isg agus dlu dhuit, ’s gach cuis agus gniomh;
Is b’eol duit an diombadh, a chlaoidheadh’s a mhuchadli
An dream sin a dhiultadh lan umhlachd do’n Triath;
Is chum thu an crun sin, ’s an aoibhneas gun mhuthadh
! Tha ard ann an luchairt na sgiamh,
Do ghna ann ad shuilibh,—is las so do dhurachd,
Bhi eudmhor a’d chursa gun lubadh gun ghiamh.
XVIII.
Air ballaibh lerus’lem b’ f hear caithris’s an tur thu,
Bha ealamh is diulant’, bha iulmhor is geur;
Chum daonnan do shuil air na naimhdibh dorch, lubach;
’S a leughadh nan gnuisibh an riuntean gu leir;
’S a sheideadh an trumpaid le eud agus durachd,
Chum pobull a dhusgadh gu sti'eup;
Mu’n meallar’s a chuis iad, ’s mu’n caillear an cruin leo,
’S an naimhdean tigh’nn dlu orr’, gu’n tionndadh o’n cheum.
XIX.
An t-aidmheil mor ur sin a dh’eirich’s an du’ich,
Ged b’ iomadh a dhluthaich fo dhubhradh a sge’,
A dh’aindeoin a chiuin-bheus, eud agus ubraid,
B’eol duit-s’ o thus nach b’fhior fhudraic a ghne:—
—Tha sail anns an t-suil sin, gu buileach tha diultadh
An solus tha bruchdadh o ’n ghrein;
I ’S le tair a chur cul ris a chridhe bhrist’ bhruite,
I Is Dia ’g radh gur cubhraidh na tuis e dha fein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence