Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
12
IV.
Bu stoirmeil do dhusgadh, le toirm ard na trampaid;
Do pheacaidh’ chaidh riisgadh gu druiteach dhuit fein;
’S an oidhche cha dunadh an suaimhneas do shuilean,
Fo eagal t-easumhlachd, ’s tu curadh gu geur;
Ach losa bha dlu dhuit is reub e do ghnuis-bhrat,
'S le spiorad rinn iul dhuit’s gach ceum;
Na deamhnan gu’n sguirs e, ’s rinn teampull glan nr dliiot,
’S am banntaibh a chumhnant gu’n dhiin thu ris fein.
V.
O ’n am sin bu chliuiteach mar chriosduidh do bhiiithas,
Fad bhliadhnaibh do chiirsa bha dlu air leth-cheud :*
’S ged’s buan air an uin sin, cha d’ fhuaras a’d ghiiilan,
Aon fhiaradh na lubadh rinn ciurradh no beud :
Bu trie thu le durachd dian spairn air do ghluinibh;
Bha creideamh ’n ad urnuigh is eud :
Is chleachd thu fein-sgriidadh, ’s gach oich ghabh thu cunntas
Air caoimhneas an Ughdair, fuair ur-bheath do threud.
VI.
An Spiorad a dh’ aon thu gu dlu ri d’ Fhear-saoraidh,
Gu pailt ort do thaom e gu saor de a ghras;
An toradh naomhachd bu gheug thu bha rnaoineach;
’S an fhionan bu shaothrachail daonnan do ghnas:
Bu sholus's an tir thu, bu reult thu do rireadh,
Rinn iul gus an t-saoghal is lean-:
’S do chreideamh cha d’ dhibir a’m focal na firinn,
Ach mhair thu gun chlaonadh lan dilis gu has.
VII.
Le gradh do chloinn daoine s gach cearnaidh de’n t-saoghal,
Do bhraghad bha taosgadh, thaobh maoineachd do ghrais;
Gu'n chleachd thu gach dichioll, gu soisgeul na rioghachd,
Chur dh’iunnsaidh cein thirean, bha’n daors aig an namh:
Is chrun an Ard Aodhair, le soirbheas do shaothar,
Tre obair nan daoine a chaidh;
’S na duchan bha daochail, le dubhaile ro bhaothail,
Tha subhaile is naomhachd, gu caomhail fo bhla.
* An t-am a bha e ’na mhinisteir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence