Skip to main content

‹‹‹ prev (173) Page 161Page 161

(175) next ››› Page 163Page 163

(174) Page 162 -
162
BEATHA AGUSIOMPACHADH
iocaidh mi deir an Tighearna.” &c. (Rom. xii.
19.) Ach cha b’urrainn mi disdeachd ri sgriob-
tur no ri reason: cha riaraicheadh ni air bith
mi ach fuil, uime sin labhair mi gu fabharach
mu dh^ighinn a’ pheacaidh sin, ged a bha e
calg-dhireach an aghaidh mo reusoin agus mo
bhreitheanais.
Chaidh mi ’n sin far an robh Shcramaid
suipeir an Tighearna gu bhi air a riarachadh
ach cha do chompairtich mi de na h-brduighean
a’ creidsinn nach deanadh iad ach mo chiont a
mheudachadh. Feadh a bha mi anns an staid
so ghabh mi orm dol uair no dha a dh’
ionnsaidh bord an Tighearna, ach laidh an
diabhol orm an deigh sin air chor is gu’n robh
mi coltach ri mi fein a reubadh as a’ ch6ile nam
bhloidibh; oir thoisich cuid de Chriosdaidh-
ean geur-chuiseach air mo chealgaireachd
fhaicinn tre’n sgaile chuir mi orm. O ! an
ifrinn a ghiulain mi ann am uchd : Ge be air
bith bite d’an rachainn bha fuaim uabhasach an
damnaidh a’ seirm ann am chluasan.
Air an dara latha fichead de mkios deireann-
ach an t-Sdmhraidk 1750, chuala mi gu’n robh
Shcramaid suipeir an Tighearna gu bi air a
riarachadh ann an sgireachd naMaoile, aite anns
an robh iomadh co-chomunn mills agam maille
ri Dia, agus air learn gur e sin an t-aite, anns
an tugadh air m’anam an toiseach greim a
dheanamh air losa Criosd, agus anns an robh
mi gu trie air mo sheoladh agus air mo chomh*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence