Skip to main content

‹‹‹ prev (108) Page 96Page 96

(110) next ››› Page 98Page 98

(109) Page 97 -
DUUGHAILr. BOCHANNAIN.
97
mi ciontach an lathair Dh6. (Rom. iii. 19.)
Aig an km cheudna bha mi dearbhta, nach
b’urrainn mi a chaoidh le mo dheanadas, no
le’m fhulangas fein ceartas D6 a riarachadh.
Ach thoilich an Tighearn a Mhac graidh fein
a nochdadh-dhomh, mar a tha e ; “ Naomha,
neo-lochdach, neo-thruaillidh, agus air a dheal-
achadh o pheacaich ; mar nan gun lochd gun
smal, chum.ceartas iomchaidh a riarachadh an
kite pheacach agus gu’m b’ann leis an iobairt
luadi-mhoir so a b’urrainn mo pheacannama bhi
air a mathadh ; agus gu’m be umlach Chriosd
do dh’uile iarrtasan an lagha, ann an deanamh
na dh’iarr e, agus ann am fulang na rinn e
bhagradh, gu’m bithinn air mo leigeil as saor
o dhiteadh, agus gu’m bann leis an umhlachd
a thug an Tighearn Criosd as urrainn mi seas-
amh coimhlionta fa-chomhair a cheartais, agus
gu’m feum an fhireantachd so a bhi ri cur as
mo leth-sa agus air a gabhail do’m ionnsaidh le
creideamh a mhain.
Chunnaic mi nise gu’n robh e air fhirean-
achadh ann am shabhaladh an uair a bha mi
air mo thoirt air taobh-staigh a’ chumhnanta
nuaidh, mar bhiodh e gu dearbha roimhe sin,
ann am dhamnadh am feadh a bha mi fo’n
t-sheanna chumhnanta. “ Tha esan firinneach
agus ceart, chum ar peacannan a mhathadh
dhuinn.” (1 Eoin i. 9.) ’Nuair a thug mi
fainear fireantachd Mhic shiorruidh Dhe air a
thoirt seachad dhomh-fein ann an rathad ciimh-
K

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence