Skip to main content

‹‹‹ prev (67) Page 55Page 55

(69) next ››› Page 57Page 57

(68) Page 56 -
56
BEATHA AGUS IOMPACHADH.
mi gu’n robh mi nis air faighinn mo chridhe
ann am fonn cho math is gu’n robh mi comas-
ach air mo smuaintean a riaghladh do r&r
riaghailt nan deich aintean, agus mar so thoisich
mi air caradh suas m’fhireantachd f6in, a chionn
gu’n robh mi tur aineolach air fireantachd Dhd;
ach cha do cheadaich an Tighearna dhomh
fuireach fada fo namhearachd so, oir a dh’ain-
deoin gach math a shaoil mi a bhi gabhail
t&mh ann am chridhe, bha e gu tur air a
thiunndaidh gu mi-riaghailt: oir air dhomh a
bhi aon latha aig obair anns a mhachair bha mi
air mo bhualadh le buaireadh a chum toibheum
a labhairt ni ged’ bhithinn air mo reubadh
ann am bhloidibh tha mi ’g earbsa ann an
trocair Dhe nach deanainn uidhir sa’ luaidh.
Agus bu cho laidir a dhruigh e air m’inntinn is
gu’n shaoil mi gu’n robh mi gu dhol thar mo
riaghailt. Air leann gu’n robh mi am riochd
beo air an t-sluagh dhanmaichte ann an ifrinn
a’ toirt toibheum de dh’ainm Dhd.
Chaidh mi do choill a bha dlu dhomh a chum
urnaigh, agus thubhairt mi maille ri Peadar,—
“ Imich uam a Thighearna oir a’s duine peacach
mi.” Agus bha iongantas orm nach do sgoilt
an talamh fodham a chum mo shlugadh sios
Agus tha cuimhne mhath agam gu’n do labhair
mi ni eigin air a mhodh so : O Thighearna tha
mi ro fhada beb air an talamh so cheana, uime
sin tilg a mach a do shealladh mi agus na
fuilig dhomh a bhi ni’s faide ann am chotharr-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence