Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 18Page 18

(32) next ››› Page 20Page 20

(31) Page 19 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
19
bhoidean. “ Ach rinn iad miodal ris le’m beul,
agus rinn iad breug dha le’n teangaidh: oir
cha robh an cridhe ceart maille ris, agus cha
robh iad dileas ’nan chomh-cheanghal.”
Cha b’fhada an deigh so gus na thachair mi
ri leabhar do’m b’ainm. “ Gras am Pailteas do
Cheann-feadkna nam Peacach.” Fhreagair
ainm an Leabhair so mi gu h-anabarrach
math oir shaoil mi gu’m bu mhi-fein gun
teaghamh an duine sin. An am dhomh a bhi
leughadh an leabhair so chunna’ mi gu’n robh
an t-ughdar a sgriobh e na pheacach mbr,
ach gidheadh gun d’ fhuair e trocair. An
sin thuirt raise, theagamh gu’m bi an Tighearna
trbcaireach dhomhsa mar an ceudna, on a
tha trocair air a tairgse do cheann feadhna
nam peacach.
Thug so mor mhisneach dhomh chum dol
a dh’ionnsaidh an Tighearna ann an urnaigh,
agus mo pheacannan fhaoisid da. An am
dhomh a bhi deanamh sin mhothaich mi a
leithid de thaiseachadh cridhe is air uairean
gu’m bithinn am thuil dheuraibh a’ cur romh-
am gu’n an Tighearna thr6igsinn re mo
laithean. Shaoil mi gun d’rinn an sgriobtur
so,—“ Bidh mo ghras foghainteach air do
shon,” drughadh milis air m’inntinn. Cha do
mhair an drughadh so eadhon ach uine ghearr,
araon le’m fhiosrachadh fein agus na h- aiteam
do’m b’eol mi agus a thug duil a m’iompachadh
agus it foghantas gras Dhe do’m thaobh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence