Skip to main content

‹‹‹ prev (27) Page 15Page 15

(29) next ››› Page 17Page 17

(28) Page 16 -
16 BEATHA AGUS IOMFACHADH
chuimhne anns am beil e toirt cunntais air
piantaibh an t-sluaigh dhamnaichte, agus am
fuathas anns am bi iad aig &m tighinn
Chriosd. O! smuaintich mi n’an tbisicheadh
mo bheatha rithist as ur gur mi a leughadh, a
dheanadhurnaigh,agus a chumadh ant-Sabaid !
ach mo thruaighe! bha e nise tuilleadh a’s
anamoch. Tacan an deigh sin thbisich an
stoirm air dol ni bu chiuine agus bha mise
anabarrach toilichte chionn dail fhaotainn a
chum aithreachais n’am be agus gu’n robh math-
anas air mo shon, agus chuir mi romham le’m
uiie chridhe nach peacaichinn tuilleadh, ach
chaidh crioch aithghearr air an run sin, oir ann
an uin’ bu lugha na ochd latha bha mi an dearbl
ni a bha mi roimhe; “ ’Nuair a mharbh e iad
an sin dh’iarr iad e, agus phill iad, agus bha iad
gu moch ag iarraidh Dhb.” Salm. Ixxviii. 34.
Dh’ fhan mi anns anteaghlach so cuigmiosan,
agus thainig mi air m’aghaidh gach latha ann
an gnhthachadh peacaidh. Is cuimhne leam a
bhi aon latha feadh a bha mi tamh anns an
teaghlach so cbladh ri feadhainn eile ann an
eithir air loch mor uisge bha tacan o’n bhaile,
agus a thaobh stbirm a dh’eirich bha sinn ann
an cunnard bathaidh, ach rinn an Tighearn a
nochdas caoimhneas do’n mhi-thaingeil ar toirt
tearuinnte gu tir, an deigh dhuinn fein agus
do mhuinntir eile bhi’n duil gum bitheadh sinn
caillte. “ ’Nochdar trbcair do’n aingidh, gidh-
eadh cha’nfhoghlum e fireantachd; ann an tir an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence