Skip to main content

‹‹‹ prev (13) [Page 1][Page 1]

(15) next ››› Page 3Page 3

(14) Page 2 -
o
BFATHA AGUS IOMPACHADH
smaointeachadh a chum mo chumail a cuid-
eachd cloinne eile abba air an leigeil fuasgailt’
air feadh an t-saoghail le’m pitrantan, air eagal
gum bithinn air mo thruailleadh le’n dubhail-
cean. Gidheadh cha robh na h-uile mheadhon
dhiu so comasach air stad a chuir air an nadur
thruaiilidh a bha an taobh a staigh dhiom
Dh’fhairich mi le fein-fhiosrachadh firinn nan
Sgriobturan so : “ Tha amaideachd ceangailt’
ann an cridhe leinibh,” agus “ Tha na h-
aingidh a’ claonadh o’n bhroinn ; tha iad a’
dol air seacharan o’m breith, a’ labhairt
bhreug,” Gna. xxii. 15. Salm. Iviii. 3.
Mar is fearr mo chuimhne, air dhomh a bhi
eadar cuig a’s se bliadhna dh’aois, chaidh mi
mach aon Domhnach gun fhios do mo mhath-
air, agus chuir mi seachad greis de thim ri
duich amaideach ; agus ge do phill mi dach-
aigh mu’n deach m’ionndran, gidheadh bha
m’inntinn lan de dh’ uabhas agus de dhiteadh
cogais air son bristeadh na Sabaid. Agus air
an oidhche sin fdin an deigh dhomh dol a
laidhe agus cadal bha mi fo mhor uabhas leis
a bhruadar so a leanas :—Bhruadair mi gun
do thaisbean an Tighearn losa e fein domh
ann am mor chorraich, agus gun tubhairt e
gu’m biodh e diolte dhiom air son bristeadh
a Shabaid. Air dhomh dusgadh ghabh mi
aithreachas air son an uilc a chuir mi an
gniomh; agus chuir mi romham nach dean-
ainn a leithid gu br&th tuillidh. Dime sin,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence