Skip to main content

‹‹‹ prev (413) Page 333Page 333

(415) next ››› Page 335Page 335

(414) Page 334 -
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
334
An tuairneagaibh geal nam fliir,
Duisgidh iad le h-iochd a bhlais,
’S measgnaichidh an righle dlu
’Sa cheitein chiuin nach lot an call !
Diridh snothach suas o’n fhriamhaich
Tro cham-chuislibh shniomhain bhad-chrann,
Gu maoth bhlasda, mealaoh, cubhraidh,
Sior chuir suigh’s nam fiuran shlatach ;
Bi’dh an cdmhdach gorm a’ bruchdadh
Roi shlois ur nan dlu-phreas dosrach,
Duilleach, labach, nasal, sgiamhach,
Dreach nam meur is rimheach coltas.
Bi’dh eoin bheaga bhinn a chathair,
A cruinneachadh shrabh gu neadan ;
Togaidh iad’s na geugaibh uaigneach
Aitribh chuairteagach ri taice
Laidhidh gu cluthor nan tamh
A blaiteachadh nan cruinn ubh breaca,
Gus am bris an t-slighe lan,
’S an tig an t-alach dg a mach dhaibh.
Thig eibhneas na bliadhn an tus,
Mu’n criochnaich an t-ur-mhios Mairt;
Bheir an spreidh an toradh trom
Le fosgladh am bronn gu lar :
Bruchdaidh minn, a’s laoigh, a s uain,
Nam miltibh m’an cuairt do’n bhlar ;
S breac-gheal dreach nan raon’s nan stuc,
Fo chbisridh mheanbh nan lu-chleas bath !
Bidh gabhair nan adhaircean crhcach,
Stangach, cam, an aird nan sgealb-chreag ;
Rob-bhrat iom-dhathach m’an cuairt daibh,
Caitean ciar-dhubh, gruamach, gorm-ghlas,
S na minneinean laghach, greannar,
Le meigeadaich fhann g’an leaumhuinn :
’S mireanach a chleasachd ghuanach
Bhios air por beag luath nan gearr-mheann.
Caoirich cheig-rusgach fo chdmhdach ;
Sgaoilt air reithlein Idintean-driuchdach ;
•A uaineinean cbo geal ri cainichean
Air chluaintibh nan learg ri sugradh.
An crodh mbr gu liontaidh lairceach,
Ag ionaltradh fhasach ur-ghorm ;
An dream lith-dhonn, chaisionn, bhan-bhreac,
Ghuaillionn, chra-dhearg, mhagach,dhumhail.
’S inntinneach an ceol ri m’ chluais
Fann-gheum laogh m'an cuairt do’n chrd,
Ri coi’-ruith timcheall nan raon,
Grad-bhrisg, seang-mhear, aotrom, beb ;
Stairirich aig an luirgnean luath,
Sios m’an bhruaich gu guanaich 6g ;
’S teach ’sa mach a buaile lain,
’S bras an leum ri bairich bhb !
’N aimsir ghnathaichte na bliadhna,
Sgapar siol gu biadh san fhearann,
Gathilgeadb na fhrasaibh diona,
’S na h-iomairean tiara, cama :
Sgalag, a’s eich laidir, ghniomhach
Ri straidhlich nan cliath gan tarruinn ;
’S tiodhlaicear fo’n dusluing mhin
An grainean liontaidh’s brigh’or toradh.
Sgoiltear am buntata cnuachdach
Na sgrailleagaibh cluasach, bachlach ;
Theid an inneir phronn na lodaibh
Socach, trom, air chbmhnard achaidh ;
Le treun ghearrain chubach, charnach,
Chliabhach, spidreacb,bhraideach, shrathrach
Surd air teachd-an-tir nan Gael,
Dh’ fheuch an tarar e fo’n talamh.
’Nuair a thogas Phcebus aigh
Mach gu h-aird nan nial a ceann,
O sheomar dealrach a chuain
Ag bradh air chruach nam beann ;
Bruchdaidh as gach cearn an tuath,
’Staigh cha’n fhuirich luath no mall,
Inntrigidh air guiomh nam buadh,
“ Buntata’s inneir ! suas an crann !”
Theid an inneal-draibh an brdugh,
Sean eich laidir mhor a’ tarruinn
Nan ionnstramaid ghleadrach, rbpach,
Beairt ’san lionmhor cord a’s amull,
Ailbheagan nan cromag tiara,
Socach, coltrach, giadhach, langrach ;
Glige-ghlaige crainn a’s iaruinn,
Surd air guiomh o’m biadhchor toradh !
Hush ! an t-uraiche’s am ban-each,
Fear air crann, ’s air crann, ’sa chorraig,
Buntata, ’s inneir theith na cliabhaidh
Ga taomadh san fhiar-chlais chorraich,
Aig bannal clis lughmhor gleusda,
Cridheil,eutrom, brisg gun smalan ;
’S gillean bg a’ diol na h-abhachd,
Briathrach, gaireach, cairdeil, fearail.
’Nuair dh’ fhalachar san uir am pur,
Thig feartan gar coir o’n aird,
A sgirtean liath-ghlas nan nial,
Frasaidh e gu ciatach Math,
Silteach, samhach, lionmhor, ciuin,
Trom na bhruchdaibh, ciubrach, Hath ;
’S miorbhuilleach a bhraonach dhlu,
larbhach maoth-mhin, driuchdach, seamh
’S lionmhor suaicheantas an Earraich,
Nach comas domh luaidh le lileachd ;
Raidhe’s trie a chaochail earraidh,
’S ioma car o thus gu dheireadh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence