Skip to main content

‹‹‹ prev (384) Page 304Page 304

(386) next ››› Page 306Page 306

(385) Page 305 -
AILEAN BALL.
305
ORAN DO ’N MHISG.
Air fonn—“An am dul sios bhi debnach.’'
As am dhomh gluasad aims a mhadainn,
Cha ’n 'eil m’ aigneadh sunntach,
’S e Mac-na-bracha ’rinn mo leagadh
Ann an leabaidh dhuinte ;
Mo chliabh na lasair, air a chasadh,
S airtneulach mo dhusgadh,
’S e sud an gleachdair fhuair fo smachd mi,
’S dh’ fhag e m’ aisnean bruite.
Nuair a shuidh sinn san taigh-dsda,
Chaidh na stoip thar chunntas,
Gu trie a tighinn, cha bu ruighinn,
lad na ’n ruith a m’ ionnsuidh,
Gun iarraidh dalach a sior phaigheadh
'G 61 deoch-slainte ’Phrionnsa ;
’S cha ’n iarrainn fein a dh’ aobhar ghiir’,
Ach Raonull a toirt cliu dhomh.
Nuair a ghluais mi gu tigh’nn dachaigh,
Lagadh a chion luis mi,
Gun d’ fhalbh mo neart gun leirsinn cheart,
Gun chaill mi ’in beachd bha m’ shuilean ;
Feadh na h-oidfiche’s mi gun soillseinn
Air mo shlaoic ’san dunan ;
Cha robh air chomas domh ach arusg,
’S bha mo chairdean diumbach.
’S leir dhomh ’n diugh gur mor an tamailt
Cach a bhi ga m’ ghiulan,
’S mi fein an duil gun robh mi laidir
Gus an d’ fhag mo thiir mi ;
Ge do chuir i ’n eis mo cholunn,
’S e mo sporan ’dhiubhail
Air gniomh na misge ’shlaid gun fhios mi,
Mar tig gliocas ur dhomh.
’S ole an ealaidh bhi ga leanailt,
’S aimideach an turn ’bhi
’Suidh’ air bhord a glaodhaich oil,
’S mo phocannan ga ’n tionndadh,
A’ sgapadh storais le meud-mhoir,
Ag iarraidh phog’s na cuiltean ;
’S fad sa mhaireadh mo chuid oir,
Cha chuireadh bsdair cul rium.
’S coir dhomh nise thoirt fos’ near
An t-aithreachas a dhubladh,
Mo bhoid gu gramail thoirt a’n Eala,
Dh’ fheuch an lean mo chliu rium ;
Cha teid deur a staigh fo m’ dheudaich,
’S feudar tigh’n as iunais ;
Cha ’n fhaigh fear falamh seol air aran
Ach le fallas gnuise.
Labhair Raonull—“ Na biodh sprochd ort,
’S theid mi nochd air t-ionnsuidh,
Gleidhidh mi dhut bean a’s tochradh,
Cho coltach’s tha’s diithaich ;
Ge do bhiodh tu gann de stoc,
Na faicear bochd do gbiulan ;
’S c’arson nach glaodhamaid a’r botul
Ann an toiseach cumhnant ?”
SMEORACH CHLOINN-DUGHAILL.
LtnNNEAG.
Ho-i, rl na, ho-ro, hii-o,
Ho-lib ho-i na, i-ri, u-o;
’S smeurach mise le Cloinn-Diighaill
A seinn ciuil, an dluths' gach geige.
Cha dean mi brbn an ebs falaich,
Tha seileir mo loin gun ainnis:
Gheibh gach sebrsa seol air aran,
’S cha churam dhomhsa ’bhi falamh.
Ho-i, ri na, fyc.
Nuair a dh’eireas grian an earraich,
Diridh an ianlaith’s na crannaibh ;
Tha’m beatha-san diant’ air thalamh
Bho ’n laimh gus am bial, ’s i ro mhath.
Ho-i, ri na, tjc.
Gur a mise a smebrach ghleannach,
Sheinninn ceol air bharr gach meangain ;
Ribheid ur an siunnsair fallain,
’S math mo chail, gun sas air m’ anail.
Ho-i, ri na, c^ c.
Madainn eheitein, ’n am dhomh dusgadh,
’Seinn gu h-eibhinn, eutrom, siubhlach ;
Dealt nan speur air gheugan ctiraidh,
Grian ag eiridh, ’s feur a’ briichdadh.
Ho-i, ri na, &{C.
Ghineadh mi’s an tir nach coimheach,
’S chaisginn m’ iotadh le brigh Chombainn ;
Tobar ioc-shlainte nach reodhadh,
’G eiridh ’nios bho ’n dilinn dhomhain
Ho-i, ri na, S[C.
u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence