Skip to main content

‹‹‹ prev (351) Page 271Page 271

(353) next ››› Page 273Page 273

(352) Page 272 -
I 272
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
’S i nach pilleadh gun cheann-fa’,
’S i neo-sgathach gu srachdadh,
A gearradh tuinn’ le geur roinn,
’S cudrom gaoith’ air na slatan.
’S beag mo shunnt, ^c.
’Nuair a chuirt i air a doigh,
’S a cuid sebl ris na racan,
Chuirt’ a mach an t-aodach sgeoid :
Sud a sron ris an as-caoin.
'S beag mo shunnt, fyc.
Bhiodh i turraban gun tamh,
’S chluinnte g’ainich fo’n t-sac i,
’S bhiodh gach glun dh’i dol fillt’,
’S chluinnte bid aig gach aisinn.
'S beag mo shunnt. i|c.
Chite muir na thonnan ard,
’S chluinnt’ i garaich gu farsuinn,
’S bheireadh ronn ard nan steoll,
Buiile thrdm ann gach achiais.
’iS beag mo shunnt, Qc.
Ann an as-caoineachd a chuain,
’S ann am fuathas na fraise,
Thugaihh faiceil air a ghaoth ;—
“Fhearabh gaoil cumaibh rag i.”
’S beag mo shunnt, <|c.
Chluinnte farum aig an fhairg’,
Molach garbh aims an ath-sith,
Beucach, rangach, torrach, searbh,
Srannach, anabharadb, brais i.
’S beag mo shunnt, fyc.
Buill bu treis de’n chorcraieh uir,
Croinn de’n ghiubhsaich bu daite,
Eideadh cainb nach biodh meanbh,
’S chite geala-dhearg a bhrataich.
'S beag mo shunnt, fyc.
Se mo ruin na fearadh gleust’,
’S iad nach treigeadh ’an caitean,
Chluinnte langan nam fear 6g,
’S iad nach deonaicheadh gealtachd.
'S beag mo shunnt, Qc.
Tha’n cridheachan farsuinn mor,
’S trie a dh’61 iad na bh’aca,
Damhs a’s inghinean a’s cedi,
’Nuair bu choir dol gu ’n leabaidh.
'S beag mo shunnt, 4"C.
Bi’dh iad gu fuireachar geur,
’N am do’n ghrein dol a chadal,
Ceileireach, luinneagach, reidh,
N am bh’i 'g eiridh sa’ mhadainn.
'S beag mo shunnt, fyc.
AM FEILE PREASACH.
LUINNEAG.
'S e feilepreasach tlachd mo ruin,
’S osan nach ruig faisg an glim,
’S cbta breac nam basan dlu,
’S bonaid dhu-ghorm thogarrach.
B’ annsa leam am feile cuaich,
Na casag de ’n aodach luaight’,
’S brigis nan ceannglaichean cruaidh,
Gur e’n droch-uair a thogainn dh’i.
'S e feile preasach, £c.
Tha mo run do’n cideadh las,
Cuach an fheilidh nan dlu bhas,
Shiubhlain leis’s na sleibhtean cas,
’S rachainn brais air obair leis.
’S e feile preasach, fyc.
Ge’d a tharlainn ann sa’ bheinn,
Fad na seachduin’s mi leam fein,
Fuachd na h-oidhch’ cha dean dhomh beud,
Tha’m hreacan fhein cho caidearach.
'S e feile preasach, Qc.
Shiubhlain leis feadh ghleann a’s sleibh,
’S rachainn do’n chlachan leis fhein,
Tlachd nan gruagach’s uaill nan steud,
S e deas gu feum na’n togramaid.
5 e feile preasach, <| c.
’S ealamh eadrom e sa’ ghleann,
’S cuilbheir r^idh fo’ sgeith gun mheang,
A dh’fhagaidh udlaich ceir-gheal faun,
A bheireadh srann sa leagadh e.
'S e feile preasach, <J~c.
Am feileadh air am beil mi’n geall,
Dealg nar guaillibh suas gun fheall,
Crios ga ghlasadh las neo-theann,
’S biodh e gach am gu baganta.
'S e feile preasach, fyc.
’S ann leam bu taitneach e bhi n-aird,
Nam dhomh tachairt ri mo ghrkdh,
B’fliearr learn seachduin dheth na dha
De bhrigis ghrainnde rag-sheallacli.
'S e feile preasach, fyc.
’S caomh a’n t-eide’m breachdan ur,
’S ann air fein a dh’eireadh cliu,
Mar sin’s buaigh-larach ann’s gach cuis,
’S e dheanadh turn gun eagai air.
'S e fede preasach, 4'C.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence