Skip to main content

‹‹‹ prev (299) Page 219Page 219

(301) next ››› Page 221Page 221

(300) Page 220 -
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
220
Thug mi leam an claidheamh bearnach
’S b’olc an asuinn e sa’ cbabhaig,
Bhi ga ghiulan ar mo shliasaid,
’S mairg mi riamh a thug o’n bhail’ e ,
Cha toir e stobadh no sathadh,
’S cha robh e laidir gu gearradh ;
Gu’m b’e diuthadh a bhuill airm e,
’S e air meirgeadh air an fharadh.
A’mheud sa dh-fhag sinn ann san Jtraich,
Latha blur na h-Eaglais’-brice.
ORAN DO’N MHUSG.
Aia fonn—“ yio dhuth. an Tomaidh.”
’S iomadh car a dh-fheudas,
Thigh’n air na fearaibh,
Is theag’ gu’n gabh iad gaol
Air an te nach faigh iad ;
Thug mi fichead bliadhna
Do’n ehiad te ghabh mi,
Is chuir i rithisd ciil rium,
Is bha mi falamh.
Is thainig mi Dhun-eideann
A dh-iarraidh leannain,
Is thuirt an Caiptein Caimbeul,
’S e ’n geard a bhaile,
Gu’m b’aithne dha banntrach
Ann Mte f'alaich,
’S gu’n deanadh e bird
Air a cur a’m’ charabh.
Rinn e mar a b’abhaist
Cho mhath’s a ghealladh,
Thug e dhomh air laimh i,
’S am paigheadh mar ri;
Is ge b’e bhi’s a fedraich
A h-ainm no sloinneadh,
Their iad rithe Sebnaid,
’S b’e Deiirsa seannair.
Tha i soitheamh, suairce,
Gun ghruaim, gun smaian,
Is i cho ard an uaisle
Ri mnaoi san fhearann ;
Is culaidh a m’ chumail suas i,
O’n tha mar rium,
Is mor an t aobhar smuaireiu
Do’n fhear nach faigh i.
Leig mi dhiom Nic-cdiseam
Ged’ tha i maireann,
Is leig mi na daimh chrbcach
An taobh bha ’n aire,
Is thaobh mi ris an vg mhnaoi,
’S ann leam nach aithreach
Cha n’eil mi gu’n stbras
O n phds mi ’n ainnir.
Bheir mi fhein mo bhriathar
Gum beil i ro mhath,
Is nach d’aithnich mi riamh oirro
Cron am falach,
Ach gu foinneamh, finealta,
Direach, fallain,
Is i gu’n ghabid gu’n, ghiomh,
Gu’n char fiar, gu’n chamadh.
Bithidh i air mo ghiulan,
’S gur math an airidh,
Ni mi fhein a sgiiradh
Gu math’s a glanadh^
Chuirinn ri an t-uilleadh
Ga cumail ceanalt,
Is cuiridh mi ri in’ shuil i,
’S cha diult i aingeal.
’Nuair bhios cion an stdrais
Air daoine ganna,
Cha leigeadh nigh’n Dhebrsa
Mo phbca falamh ;
Cumaidh i rium bl
Ann’s na taighean leanna,
’S paidhidh i gach stbpan
A ni mi cheannach.
Ni i mar bu mhiann leam
A h-uile car dhomh,
Cha ’n innis i breug dhomh,
No sgeula mearachd;
Cumaidh i mo theaghlach
Cho math’s bu mhath learn,
Ge nach dean mi soathair
No obair shalach.
Sgithich mi ri gniomh,
Ged’ nach d’rinn mi earras,
Thug mi buid nach b’ fhiach leam,
Bhi ann a’m sgalaig ;
Sguiridh mi g’am phianadh,
O’n thug mi ’n aire,
Gur h-e’n duine diomhain
Is faide mhaireas,
Chruinnich uaislean Earraghaeil,
Armaillt laidir de Mhalisi,
’Schaidh iadmuchoinneamhphrionns’ Tearlach,
’S duil aca r’a champ a bhristeadh ;
’S ioma fear a bh’ ann san ait ud
Nach robh siibhailt mar bha mise,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence