Skip to main content

‹‹‹ prev (254) Page 174Page 174

(256) next ››› Page 176Page 176

(255) Page 175 -
DUGHALL BOCHANNAN.
175
“ An comas dut mo thilgeadh uat
Ear nach cluinn do chluas mo sgread ?
’M beil dorchadas an ifrinn fein
Far nach bu leir do Dhia mo staid ?
* # * # #
* * # #
* # * # #
# * # *
“ Ge truagh mo ghuidhe cha’n eisder i,
A's fois no /cth cha’n fhaidh mi chaoidh’
Ach beath’ neo-bhasmhor teachd as ur,
Gu’m neartach’ ghiulan tuille claoidh.”
Ach stad mo rann a’s pill air t-ais
O shlochd na casgraidh dhein a nios,
Is feuch cionnas a bheir thu seol
Do’n dream tha beb nach teid iad sios.
A leughadair a’m beil e fior,
Na chuir mi cheana sios am dhbn ?
Ma se’s gu’m beil thig s’ lub do ghliin
Le urnuigh’s aithreachas gun dail: —
“ A dh-ionnsuidh losa teich gu luath,
A’ gabhail grain a’s fuath do d’ pheac’,
Le creideamh fior thoir ilmhlachd dha,
An uile aith’nta naomh a reachd.
“ Gabh ris na h-oifigibh gu leir,
’S ri h-aon diubh na cuir lein do chill;
Mar Fhaidh, mar Shagart, ’us mar Big i,
Chum slainte, didean, agus iuil.
“ Biodh eiseimpleir am beach do shul,
Chum d’ uile ghluasachd ’stiiiir da reir,
’S gach meadhon dh-ordaich e chum slaint’
Bi t'ein g’an gnathachadh gu leir.
*' As ’fhireantachd dean bun a mhain,
’S na taic gu brath ri d’ thoill’tneas fein ;
’S mas aill leat eifeachd bhi na gbras,
Na h-altrum peacadh daimh a d’ chre.
“ Mar sin ged robh de chionta mdr,
Chum gloir do Thighearn’ saorar thu,
is chum de shonais shiorruidh f6in,
Air fead gach re a’ seinn a chliit.”
AN CLAIGEANN.
’S mi’m shuigh aig an uaigh,
Ag amharc ma bruaich,
Feuch claigeann gun snuadh air lar ;
Is thog mi e suas,
A’ tiomach’ gu truagh,
Ga thionndadh mu ’n cuairt am Uiirnh.
Gun aille gun dreacfc.
Gun aithne gun bheachd ;
Air duine theid seach ’na dhail;
Gun Ihiacail ’na dheud,
No teanga ’na bheul,
No slugan a ghleusas cail.
Gun ruthadh ’na ghruaidh
’S e ruisgte gun ghruaig ;
Gun eisdeachd ’na chluais do m’ dhan ;
Gun anail na shrdin,
No aile de’n fhbid,
Ach lag far’m bu choir bhi ard.
Gun dealradh ’na shuil,
No rosg uimpe dun’,
No fradharc ri h-iuil mar b’ abh’sd.
Ach durragan crom,
A chleachd bhi san, tom,
Air cladhach’ da tholl ’nan kit.
Tha n’ eanachainn bha’d chiil,
Air tionndadh gu smur,
Gun tionnsgal no surd air t-fheum :
Gun smuainteach’ a’d’ dhail.
Mu philleadh gu brath,
A cheartach’ na dh-fhag thu'd dheidh.
Cha ’n innis do ghnuis,
A nise co thu,
Ma’s righ mo ma’s diuc thu fein
’S ionann Alasdair mbr,
Is traill a dhi loin,
A dh-eug air an dtrach bhreun.
Fhir chlaghach na h-uaigh ;
Nach cagair thu’m chluais,
Co ’n claigeann so fhuair mi ’m laimh ?
’S gu ’n cuirinn ris ceisd.
Mu gnath mu ’n do theasd ;
Ge nach fregair e’m’ feasd mo dhan.
’M bu mhaighdean deas, thu,
Bha sgiamhach a’d’ ghnuis,
’S deagh shuidheach’ a’d’ shuil da reir?
Le d' mhaise mar lion,
A’ ribeadh mu chri’,
Gach dganaich chi’dh thu fein.
Tha nise gach adh,
Bha cosnadh dhut graidh,
Air tionndadh gu grain gach neach ;
Marbhaisg air an uaigh,
A chreach thu do’n bhuaidh,
Bha ceangailt’ ri snuadh do dhreach.
No’m breitheamh ceart thu,
Le tuigs’ agus iuil,
Bha reiteach gach cuis do’n t-sluagh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence