Skip to main content

‹‹‹ prev (138) Page 58Page 58

(140) next ››› Page 60Page 60

(139) Page 59 -
SILIS NIGHEAN MHIC RAONAILL.
59
Bha gun bheutn, gun leum, gun ardan ;
Bha guth a bheil mar theud na clarsaich.
O s coma’ learn fhin, §•<:.
Ma's beag learn sud fhuair mi barr air
Ceann mo stuic is pruip nan cairdean,
A leag na ceud le bheum’s na biaraibh,
Ga chuir fo ’n fhdd le dl na graisge.
O s coma’ leam fhin, S'c.
| Ciod na creachan a thug bhuainn thu ?
Thug do dh’ Inbheirnis air chuairt thu,
Dh’ dl an fhiona las do ghruaidhean
’S a dh’fhag thu d’ ohorp gu’n lot gun luaidhe.
O ’s coma’ leam fhin, §-c.
I
| ’S mor a tha gun fhios do d’ chairdean
San tir mhoir tha null o ’n t-saile,
Thu bhi aig na Gaill ga d’ charadh
J ’S do dhuthaich fein ga mort’ le uamhaid.
O 's coma’ leam fhin, S[c.
Bu tu ’n Curaidh fuilteacb, buailteach,
Ceannsgalach, borb, laidir, uasal,
Na’m b’ atm am blar no ’n spairn a bhuailt’ thu,
Gu’m biodh do chairdean a’ tair-leum suas orr’.
O’s coma’ leam fhin, §-c.
Curaidh gasta, crodha, fumail,
Tionnsgalach, garg, beodha, euchdach;
’N Coille-chriothnaich’s Ik an t-sleibhe,
Bu luath do lann’s bu teann do bheuman.
O’s coma’ leam fhin, Src.
Mo chreach long nan leoghann garga,
Nam brataichean srdil’s nan dath dearga,
Gur trie an t-eug gu geur g’ur sealg-sa
Leagail bhur crann-siuil gu fairge.
O’s coma’ leam fhin, fyc.
Nise bbo na dh’fhalbh na braitbrean
’S nach eil ach Uilleam dhiu lathair,
A rlgh mhoir, ma’s deonach dail da,
Gus an diong an t-oighre t-aite.
O ’s coma’ leam fhin, Sfc.
Ach a rlgh mhoir tog’s an aird iad,
Mar chraoibh ubhlan, mheulair mhiaghair,
Mar ghallan ur nach lub droch aimsir,
Mar phreasa fiona’s lionmhor leanmhuinn.
O ’s coma’ leam fhin, §-c.
O's e so deireadh ’n t-saoghail bhrionnaich
Aird-rlgh dean sinn orsta cuimhneach ;
An deigb an iatha thig an oidhche
| ’S thig an t-aog air chaochladh Staidhle.
O ’s coma’ leam fhin,
MARBHRANN
DO DH’ ALASTAIB DUBH GHLINNE-GABAIDH-
ALASDA1R a gleanna-garadh,
Thug thu ’n diugh gal air mo shuilean,
’S beag ioghnadh mi bhi trom creuchdach,
Gur trie g’ar reubadh as ur sinn,
’S deachdar dhomhsa bhi gun ’n osnaidh,
’S meud an dosgaidh th’air mo chairdean,
Gur trie an t-eug oirn a’ gearradh,
Tagha nan darag is airde.
Chaill sinn ionnan agus comhla,
Sir Ddmhnull, a mhac, ’sa bbrathair,
Ciod e’m feum dhuinn bhi ga ghearan ?
Dh-fhan Mac-Tc-Ailein sa bhlar bhuain,
Chaill sinn darag laidir liath-ghlas,
Bha cumhail dion air a chairdean,
Capull-coille bharr na giubhsaich,
Seobhag sul-ghorm, lugh-mhor, laidir.
Dh-fhalbh ceann na ceille’s na comhairl,
Ann’s gach gnothach am bi ciiram,
Aghaidh shocrach, sholta, thaitneach,
Cridhe fial, farsuinn, mu'n chuineadh ;
Bu tu tagha nan sar-ghaisgeach.
Mo ghualainn thaice-’s,—mo dhiubhail ;
Smiorail, fearail, foineamh, treabhach,
Ceann-feadhna chaill Seumas Stiubhart.
Na b’ ionnan do chach ’s do ghoill,
Mu’n dh-imich an long a mach,
Cha rachadh i rithist air sail,
Gun ’n 1’hios cia t'ath a thug i steach,
Ach ’nuair chunaig sibh an trath sin,
A bhi g ar fagal air faonthragh,
Bhrist ohur cridheachan le mulad,
’S leir a bhuil cha robh sibh saogh’lach.
Bu tu’n lasair dhearg g’an losgadh,
’S bu tu sgoilteadh iad gu’n sailtean,
Bu tu gualann chur a chatha,
Bu tu’n laocli gun atha laimhe,
Bu tu’m bradan aim san fhior-uisg,
Fior-eun on ealtainn is airde,
Bu tu’n leoghann thar gach beathach,
’S bu tu damh leathann na craice.
Bu tu loch nach faighe thaomadh,
’S tu tobar faoilidh na slainte,
’S tu Beinn-Neamhais thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaoite thearnadh,
Bu tu clach mhullaich a chaistail,
Bu tu leac leathann na sraide,
Bu tu leig loghmhor nam buadhan,
i Bu tu clach uasal an fhaine.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence