Skip to main content

‹‹‹ prev (128) Page 48Page 48

(130) next ››› Page 50Page 50

(129) Page 49 -
IAIN LOM.
49
'S ann na shineadh ’sa ’n allt,
Tha deagh cheann-taighe an aigh,
Ged a thuit e le dearmad leo.
’S ann na, &c.
Buidheann eile mo ghaoil,
Ga’m bu shuaithcheantas fraoch,
Och mo chreach ! nach d’-fhaod iad bhi bed.
Buidheann, &e.
Buidheann eile mo ruin,
Air nach cualas mi-chliu,
Thig le Alasdair suundach dg.
Buidheann, &c.
Bhiodh mnathan dg an fhuit reidh,
Gabhail dhan dhaibh le’m beul,
Ann ad thalla gu ’n eisde cedi.
Bhiodh, &c.
Fbir a dh’ fhuilig am bas,
’S a dhoirt t-fhuil air ar sgath,
Na leig mulad gu brath na ’r coir.
Fhir a, &c.
Nis on sgithich mo cheann,
Sior thuireadh do rannt,
Bi’dh mi sgur anns an am is coir.
Nis o ’n sgithich, &c.
MARBHRANN
t<0 DIT ALASDAIR DUBH OHI.INNB-GARAIDH.
Mi ’g eiridh ’sa mhadainn,
Gur beag m’ aiteas ri sugradh,
O ’n dh’ fhalbh uachdran fearail,
Ghlinne-Garaidh air ghiulan ;
'S ann am flaitheas na finite,
Tha ceannard ailiidh na duthcha ;
Sar choirnileir foinnidh,
Nach robh folleil do ’n chriin thu.
LUINNEAG.
Ho rb 's fada’s gur fuda,
’S cianfada mo b/irbn,
O ’n latha chdradh gu h-iosal,
Do phearsa phriseil fo ’n fhbd,
Tha mo chrid-sa ciuirte,
Cha dean mi sugradh ri m' bheb,
O 'n dh-fhalbh ceannard na ’n uaislean.
Oighre dualchas an t-Srbim.
’S mairg a tharladh roi’d’ dhaoine,
’Nuair thogte fraoch ri do bhrataich ;
Dh’ eireadh stuadh an clar t-aodainn,
Le neart feirg agus gaisgidh ;
Sud am phearsa neo-sgathach,
’N t-siiil bu bhlaithe gun ghaiseadh ;
Gu’m biodh maoim air do naimhdean,
Ri linn dut spainnteach a ghlacadh.
Ho-ro ’sfada, fyc.
Fhuair thu 'n cliu sin o thoiseach,
’S cha b’ ole e ri innseadh ;
Craobh chosgairt sa bhlar thu,
Nach gabhadh sgath roimh luchd phicean ;
No roi’ shaighdeirean dearga,
Ged a b’ armailtean righ iad ;
Le ’n ceannardan fuil teach,
’S le ’n gunnaichean cinnteach.
Ho-ro's fada, fyc.
Gur farsuinn do ranntaibh,
Ri sheanachas’s ri shloinneadh ;
Gur tu oighre ’n lari Ilich.
Nach tug cis le gniomh foilleil ;
Marcaich ai d na ’n each cruitheach,
Nan srian ur’s na ’n lann soilleir,
Lamh threin ann an cruadal,
Ceannard sluaigh a toirt teine.
Ho-ro ’s fada, <Jc.
Fhuair thu onair fir Alba,
Bha meas 's ainmair fear t-fhasain ;
Ann an gliocas ’sa geire.
An cliu, an ceuaidh ’sa gaisge ;
Thug Dia gibhtean le buaidh dhut,
Cridhe fuasgailteach farsuinn ;
Fhir bu chiuine na mhaighdeann,
’S bu ghairge na ’n lasair.
Ho-ro’s fada, Qc.
’S goirt an t-earchall a thachair,
O ’n chaidh an iomairt so tuathal;
O latha blair Sliabh-an-t-Siorram,
Chaill ar cinneach an uaislean ;
Thionndaidh chuibhl’ air Clann-Domhnuill,
'N treasa conspunn bhi bhuatha ;
Ceann a’s colar Chlann-Raghnuill,
’N fhuil ard’s i gun truailleadh.
Ho-ro ’s fada, Qc.
Nis o ’n dh-fhalbh an triuir bhraithrean ;
Chleachd mar abhaist bhi suairce;
Laoich o Gharaidh nam bradan,
Caipteine’ smachdail a chruadail;
Dh-fhalbh Sir Domhnuiil a Sleibhte ;
Bu mhor reusan a’s cruadal ;
Cha tig gu brath air Clann-Domhnuill,
Triuir chonnspunn cho cruaidh riu.
Ho ro 's fada, tyc.
D

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence