Skip to main content

‹‹‹ prev (108) Page 28Page 28

(110) next ››› Page 30Page 30

(109) Page 29 -
MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH,
.29
Fear do cheille, ’s do ghliocais,
Do uahisnich, ’s do mheanmainn.
Do chruadail, ’s do ghaisge,
Do dhreach, ’s do dhealbha;
Agus t-61achd as t-uaisle,
Cha bu shuarach ri leanmhuinn.
1 h-urabh o, §'C.
Agus t-61achd, as t-uaisle,
Cha bu shuarach ri leaumhuinn ;
Dh-fhuil direach righ Lochluinn ;
B’ e sid toiseach do sheanachais.
Tha do chairdeas so-iarraidh,
Ris gach larla tha ’n Albuimi ;
’S ri uaislean na h-Eireann,
Cha breug. ach sgeul dearbt’ e.
I k-urabh o, Sfc.
’S ri uaislean na h-Eireann,
Cha bhreug ach sgeul dearbht’ e ;
A mhic an fhir chliutich,
Bha gu fiughantach ainmeil.
Thug barrachd an gliocas,
Air gach Ridir bha ’n Albuinn ;
Ann an cogadh’s an sio’-chainnt,
’S aun an dioladh an airgeid.
/ h-urabh o, §-c.
Ann an cogadh’s an sio’-chainnt,
’S ann an dioladh an airgeid;
’S beag an t-ionghnadh do mhac-sa,
Bhidh gu beachdail mor, xneanmnach.
Bhidh gu fiughant’, tial, farsuinn,
O’n a ghlachd sibh mar shealbh e;
Clann Ruairidh nam bratach,
’S e mo chreach-sa na dh-fhalbh dhiu’.
I h-urabh o, fyc.
Clann Ruairidh nam bratach,
’S e mo chreach-sa na dh-fhalbh dhiu’ ;
Ach an aon fhear a dh’ fhuirich,
Nir chluinnean sgeul marbh ort.
Ach eudail de dh-fhearaibh ;
Ge do ghabh mi bh’uat tearbadh ;
Fhir a chuirp’s glan cumadh.
Gun uireasaidh dealbha.
I h-urabh o, .Vc.
Fhir a chuirp’s glan cumadh,
Gun uireasaidh dealbha;
Cridhe farsuinn, fial, fearail;
’S math thig geal agus dearg ort.
Suil ghorm’s glan sealladh,
Mar dhearcaig na talmhuinn ;
Lamh ri gruaidh ruiteach,
Mar mhucaig na feara-dhris.
1 k-urabh o, Sfc.
Lamh ri gruaidh ruiteach.
Mar mhucaig na feara-dhris,
Fo thagha na gruaige,
Cul dualach, nan cama-lub.
Gheibhte sid ann a t-fhardaich,
An caradh air ealachuinn ;
Miosair a’s adharc,
Agus raogha gach armachd ;
I h-urabh o, fyc.
Miosair a’s adharc,
Agus raogha gach armachd ;
Agus lanntainnean tana,
O'n ceannaibh gu ’in barra-dheis.
Gheibhte sid air gach slios dhiu,
Isneach a’s cairbinn ;
Agus iubhair chruaidh, fhallain,
Le ’n tafaidin cainbe.
I h-urabh o, Sfc.
Agus iubhair chruaigh, fhallain,
Le ’n tafaidin cainbe,
A’s cuilbheirean caola,
Air an daoirid gu’n ceannaicht’ iad.
Glac nan ceann liobhta,
Air chuir sios ann am balgaibh ;
O iteach an fhir-eoin,
’S o shioda na Gaille-bheinn’.
I h-urabh o, ^'C.
O iteach an fhir-eoin,
’S o shioda na Gaille-bheinn’;
Tha mo chion air a churaidh,
Mac Mhuire chuir sealbh air.
’S e bu mhiannach le m’ leanabh,
Bhi’m beannaibh nan sealga ;
Gabhail aighear na fridhe,
’S a direadh nan garbh-ghlac.
1 h-urahh o, ^'c.
Ghabhail aighear na frithe
’S a direadh nan garbh-ghlac ;
A leigeil na’n cuilein,
’S a furan na’n seanna-chon.
’S e bu deireadh do’n fhuran ud,
Fuil thoirt air chalgaibh,
O luchd nan ceir geala ;
S nam falluinnean dearga.
L h-urabh o, Sfc.
O luchd nan ceir geala,
’S nam falluinnean dearga,
Le d’ chomhlain dhaoin’ uaisle,
Rachadh cruaidh air an armaibh.
Luchd aithneachadh latha,
’S a chaitheamh na fairge,
’S a b’urainn ga sedladh,
Gu seol-ait’ an tarruinnie* i.
1 hurubh o, h'c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence