Skip to main content

‹‹‹ prev (494)

(496) next ›››

(495)
«UAN II.
TIGHMORA.
■235
Is fada thall a chualas gutli
O Fhonnar nan cruth’s nam fonn,
Le gniomhaibh trom an am o shean.
Chailleas air uairibh na dain
An toirm Lubhair nach gann fuaim.
“ Thuinidh Crothar,” thuirt am bard,
“ An Atha nan alda gonna.
Le mile craobh o shlios nan earn
Dh’eirich talla nan ard chuirm.
An sin bha tional baoth an t-sluaigh
M’ an cuairt fleagh righ a’s guirme suil.
Co esa measg triath nam buadh
Bu choltach ri Crothar fo chliu ?
Las gaisgich am fianuis an triath j p ttn.du \
Bhris osna gu diomhair o high
Laoch cliuthar Alnecma nan sliabh,
Ceann fineacha ciar nam Bolg.
Bhuail e Sealg an Ullin chaoimh
Air faobhar coinich nan Druim-ard.
O choille sheall ainnir nan laoch,
Nighean Chathmhin, m’ an luaidh na baird,
Gormshuil ghlan bu chaoine lamb.
Bhris a h-osna gu diomhair mu ’n t-sonn.
Bha aomadh gruaidh ainnir nan triath
Measg seachran a ciabha donn.
Choimhid re ro’ oidhche, ’s i lan.
Air ruighe ban a’ gluasad thall.
Bha ’smuainte mu Chrothar nan dan,
An ciar aimsir nan aisling mall.
Tri lai sgaoil Cathmin an cuirm ;
Air a’ cheathramh thog toirm na ruaidh.
Ghluais Caomh-lamh gu seilg nan tom,
2‘75
280
i 285
290
295
300

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence