Skip to main content

‹‹‹ prev (466)

(468) next ›››

(467)
BUAN I.
TIGHMORA.
Tog am fonn mu cliliu Chuchullin,
’S mu Nathos nan cunnart o Etha.*
Grad a mhosgail an la o stuadh
Le ’uile dhearsa ruadh o ’n ear.
Thainig Crathain gu talla nam buadh,
Mac Geal-lamh, a bhuail an aois,
‘ Chunna’ mi dubh-nkl san fhasach,
A righ nan sar thriath afi Eirinn :
Bu nial e do reir mo smuainte—
Ach sluagh so tha dunadh mu lear.
’S fear mor, is a cheuma fo neart,
A ruadh chiabh ma seach anns a ghaoith,
Sgiath a’ boillsgeadh ri soillse o ’n ear,
Sleagh fhada a’ casadh ’na laimh.’
‘ Gairm e gu cuirm Thighmora/ L'yy r,
Thuirt 6g righ a’ sloladh gu soillse ; din ^ /
‘ Gairm e gu talla nam mor thriath,
Mhic Geal-lamh nan gniomh’s nan dan.
5S e ’n gaisgeach o Etha a th’ ann,
E tighinn a nail fo chliu.
Ceud failte air coigreach nan treun,
An caraid thu fein do Chormac ?
Charuill, ’s gruamach e’s cha chiuin ;
Tha e tarruing o ’chul an lann.
An e so mac Usnoth fo chliu,
A bhaird a chuir as ur na bh’ann ?’
‘ Cha ’n e mac Usnoth a th’ ann,
Ach Cairbre, do namhaid fo cholg,
C* uim a thainig thu fo lainn,
A thriath dhubh-ruaidh nam mala borb ?
Na tog do chruaidh a threin air righ.
C’ uim a ghluaiseas gun stri do luaths ?’ '

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence