Skip to main content

‹‹‹ prev (455)

(457) next ›››

(456)
216
TIGHMORA.
DUAN 1.
O ainnir nan lan uchd am Morblieinn. 435
Buailidh sinne comhrag na h-Eirinn
Mu shiol nan treun a thuit le Cormac.
Tha lai mo bhliadhna fo smal;
/? Tha laig^ ann mo ruighe nach gann ;
Tha m’ aithriche ’g aomadh o ’n nial 44©
Gu faoin-astar an liath-mhic.
Cha treigear an t-aite so fein
Gun dealradh ag eirigh do ’chliu.
Bidh m’ anam mar dhearg shruth nan speur
Do bhardaibh nam beul ciuin.” v 445
Thog Ullin seoil bhan ri Tuath.
Bliuail gaoth air a stuaidh o dheas ;
Leum loingeas gu Selma thar cuan.
Sheas raise fo ghruaim thall
Gun fhocal mall gu cluais uam fein. 450
Bha fleagh is cuirm air sliabh Mhoilena,
Chuir tuille is ceud gun bheud fo uir
Garbh Chairbre nan tur ard.
Cha chualas fonn o bheul gu ’chliu ;
Bha anam fo smuir’s fo fhuil. 455
Chuimhnich na bardan an righ :
C’ uim a bhiodh Cairbre an stri nan dan ? m
Thuit truscan ua h-oidhche m’ an cuairt ; ::-
Chite shuas o cheud craobh
Dealradh lasadh mu ghruaidh nan nial. 460
Shuidh Fionnghal fo dharach na h-airde ;
Sheas Althan nan dan ’na choir
Le sgeul an dubh-bhroin mu Chormac,
Althan mac Chonachair nan seod,
Caraid ghaisgich a mhor charbaid. 465
Bha ’thuinidh mar ri Cormac fein

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence