Skip to main content

‹‹‹ prev (390)

(392) next ›››

(391)
DUAN V.
FIONNGHAL.
183
Bha ’mhala o ’n stri fo ghruaim.
Thiondaidh e ’dhearg-shuil air Lena;
Bha ’n gaisgeach fo bheud mu shluagh.
Thog mi mo shealladh air Cromla,
Is chunnaic mi mor-mhac Shema ;
Dorcha, mall a dh’aom e ’thriall
O ’n t-sliabh gu cos Thura ’na aonar.
Chunnaic e fo bhuaidh an triath ;
Bha bron am measg ’aoibhnis san aonach.
Bha dearsa na grein air ’airm ;
Shiubhail Conall gun stoirm ’na dheigh.
Theiring iad cul aonaich nan toirm.
Mar lasair an fhraoich sa’ bheinn,
’Nuair shiubhlas an fhallosg’ ro’ ’n oidhch’
Gun soills’ ach na bheir i fhein,
’S a ghaoth ’na deigh’s i ’fuaim.
Air taobh sruth fo chobhar a’ taomadh
Tha ’thalla ’n carraig nan cos.
Is aon chraobh gu crom ag aomadh,
’S an iar-ghaoth beucail gu mor
Hi aghaidh nan scorr’s nan earn.
An so shuidh ard cheannard na h-Eirinn,
Mac Shema nan slige fial.
Bha ’smaointean air chomhrag nan cleas,
Na deoir a’ taomadh o ’ghruaidh.
Bha bron air mu chall a mheas
Gaisgeach ard-mhisneach nam buadh.
A Bhraigh-gheal, tha thu fada thall $
Cha thog thu san am an laoch.
Eaiceadh e do thlath-chruth mall,
’S thig ’anam a nail le fraoch;
440
445
450
,
455
460

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence