Skip to main content

‹‹‹ prev (242)

(244) next ›››

(243)
DUAN I.
FIONNGHAL.
109
’Nuair chromas an osag o’n nial.
Eireadh Lochlin nan lann mu m’ chruaidh.
Bithibh mar charragh an cois sail’
An talamh nan ramh agam fein, 410
A thogas an giubhas gu h-ard
An coimhstri ri gaillinn nan speur.”
Mar thoirm fhoghair o dha bheinn,
Gu cheile tharruing na suinn ;
Mar shruth laidir o dha chraig 415
’G aomadh, taomadh, air an reidh,
Euaimear, dorcha, garbh sa’ bhlar
Thachair Innisfail is Lochlin.
Ceannard a’ spealt-chleas ri ceannard,-
Is duine ’n aghaidh gach duine: 420
Bha cruaidh a’ screadan air cruaidh,
Bha clogaide shuas ’gan sgoltadh,
Fuil a’ dortadh dluth mu ’n cuairt,
Taifeid a’ fuaim air min iuthar,
Gathan a’ siubhal ro’ ’n speur. 425
Sleagha bualadh a’tuiteam thall.
Mar dhealain oidhche sa’ bheinn,
Mar onfha beucach a’ chuain, h
’Nuair ghluaiseas an tonn gu h-ard,
Mar thorrunn air cul nan cruach, 430
Bha gruaim is farum a’ bhlair.
Ged bhiodh ceud bard Chormaic ann,
’S an dan a’ togail a’ bhlair,
Cha b’ urrainn aithris ach gann
Gach column gun cheann, is bas. 435
Bu Honor bas fhear is thriath,
Am fuil a’ sgaoileadh air an t-sliabh.
Bi’bh brdnach, a shioi nan dan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence