Skip to main content

‹‹‹ prev (227)

(229) next ›››

(228)
102
FIONNGHAL.
DUAN I.
An d’thig thu mar earba o Ghalmar,
Mar eilid o aomadh nan sliabh ?
Ceud failt air mac Rosa mbeanmnaich, 185
Ciod am bron a th’air t’anam, a thriath ?”
“ A Chuchullin, tha ceithir clachan
Air Cathbaid taisgte san uaigh;
Chuir mo lamhsa sios fo uir
Dubhchomar, bu ghruamach snuagh. 190
Bha thusa, Chathbaid, mhic Armin,
Mar ghrein a’dearsadh sa’ bheinn.
Is thusa, Dhubhchomair nan garbh-bheum,
Mar chomh-thional uisge nan speur.
A Mhuirne, bu ghloine measg bighe, 195
Seimh do chadal an cos nan earn ;
Thuit an dubhra run an t-sluaigh.
Mar reul dealradh san oidhche an gleann ;
Bidh fear-uidhe ’na aonar am bron,
’Nuair tbuiteas an solus gann.” 200
“ Aithris,” thuirt an gorm-shuileach treun,
“ Mar thuit gaisgich nam beum am bas.
’Na thuit iad le Lochlin sa’ bheinn,
’N cruaidh chomhrag ri ceud sa’ bhlar ?
Ciod eile chumadh na laoich 205
Anns an talla chaol gun leus ?”
Thuit Cathbaid fo lann Dhubhchomair
Aig daraig, a’s fuaimniche sruth.
Thainig gu doire nan cos,
’S labhair e ri oigh, bu sheimh. 210
‘ A Mhuirne, a’s gloine measg nam mna,
Nighean aluinn Chormaic an aigh,
C’ar son an crom nan cloch leat fein,
An cos creige a t’aonar sa’ bheinp ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence