Skip to main content

‹‹‹ prev (219)

(221) next ›››

(220)
98
FIONNGHAL.
UDAN I-
tJl/P,
Buail sgiath Sheuma, mhic Fhithil, gu grad ; 55
Gairm gaisgich o bhad’s o choill’.”
Bhuail e ’n sgiath bhallach gu grad;
Fhreagair gach bad agus coilP,
Shiubhail caismeachd ro’ ’n doire gun stad;
Chlisg feidh is earba san fhraoch : 60
Leum Curtha o charraig na fuaim ;,
Ghluais Conal, bu chruadalach sleagh;
Dh’fhag Faobhui an eilid ’san ruaig ;
Thill Cruthgheal gu Tura nam fleagh;
A Ronain, cluinn sgiath nam blar, 65
Caismeachd ard Chuchullin, a Chluthair ;
A Chalmair, o ’n chuan thig a nail;
Le d’ chruaidh tbig a nail, a Luthair.
Mhic Foinne, ’gharbh-churaidh, eirich ;
'j A Chairbre, o chromleac a’ ghuth ; 70
Lub do gblun, Fhiochi na feilej
A Chormaig, o Lena nan sruth.
Sin do shlios aluinn, a Chaoilte,
Air astar o Mhora gu dian,
A’s gile na ’n cobhar, tha sgaoilte 75
Air muir o ghaillinn nan sian.
Chiteadh gaisgich nan ard ghniomh
Tearnadh sios o’m fiar-ghlinn fein,
Gach anam a’ losgadh ri cuimhne
Gacb combraig a dh’aom o shean ; SO
An suile lasadh, ’g iadhadh borb
Mu namhaid dorcha Innis-fail,
Gach lamb, bu trein, an ceann gach lainn,
Caoir’ dhealan a’ dearsadh o ’n cruaidh.
Mar shruth a’ taomadh o gharbh ghleann S3
Dh’aom na suinn o chruaich nam beann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence