Skip to main content

‹‹‹ prev (203)

(205) next ›››

(204)
90
CALTHONN IS CAOLMHAL.
Ard shdlas a’ lasadh mo chleibhe;
Labhair am mor righ ri Oisian,
Air thoiseach am meadhon nan triath.
<£ A ghath mo threunais,” thuirt an righ,
“ Shiol Fhionnghail, gu stri tog mo shleagh ; 155
yt Gabh gu Tuaid’ nan sruth corrach o fhrith; :
Tearuinn Colmar nan carbad is fleagh ;
Thigeadh do chliu-sa am fhianuis,
Mar aiteal dol sios anns a’ ghleann,
Gus an eirich mo smuainte an iosal 160
Mu mo shiol, mu ur-chliu nam beann. -r
Bi •sa, Oisein, mar ghaillinn an comhrag,
Gu ciuin is gun mhorchuis do naimhde ;
Mar so fein ghlan an cliu dhomhsa ;
Bi-sa, Oisein, mar mhor-thriath Shelma; 165
’Nuair thig dana nam focala treuna
Gu taila nan teud, chrom mo simile,
Tha mo ruighe a* sineadh gu beuma,
?Nuair thig lagaich fo bheud am’ ionnsuidh,
Mo chlaidheamh an cdmhnuidh ’g an dion.” 170
Ghluais solas o fhocail an righ;
Chaidh mise gun stri fo armaibh;
Ri mo thaobh ghluais Diaran nam frith,
Is Deargo, ard righ nan gorm shleagh;
Tri cheuda o oigridh nan gleann 175
An deigh mo cheuma air a’ mhagh,
Na coigrich a’ triall ri m’ thaobh.
Chuala Dunthalmo am fuaim
O astar na cruaidh’ gu ’thir;
Choimhthionail e neart na gann Tuaid : 180
Air tulaich sheas sluaigh gu stri.
Mar charraige briste le torrunn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence