Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ››› Page 14Page 14

(51) Page 13 -
BUAN II.
CATH LODUINN.
\S i dubhadh fo eallaich san speur,
’S dealan tanais sgaoilte san oidhch.’ 85
Thachair aig Turthor na suinn,
Mar bhruaiUeinn tbonn air druim a’ chuain.
Bha beuma beucach dlu ri cheile ;
Am bas a’ leum thar trein san t-sliabh.
Mar nial do chlacha-meallain garbh, 90
JS gaoth mhor na cirb ag eirigh ;
Na sianta mar thorrunn a’ falbh,
5S muir dhorcha le spairn a’ beucail.
A. stri Thoirne, ’s duibhe gmaim,
C’ uim’ an cuirinn an duan do chreuchda ? 95
Tha thu san am a chaidh suas,
A tha gun tuar do m* leirsinn.
Thainig Starn’ a nail le comhrag,
Is Suaran mor le chirb do ’n stri.
Cha robh do lann gun bhrigh sa’ chomhstri, 100
A Dbuibh mhic Roinne o ’n Tuath thir.
Theich Lochlin thar an uisge thall;
Bha triath’ nan lann air call an smaointe,
Thionndaidh iad am mor rosg mall
Air teicheadh o’n charn do’n t-sluagh. 105
Chualas stoc Fhionnghail o ’n chruaieh ;
Thill siol Alba o ruaig sa’ ghleann.
Bu lionor mu Thurthor nan stuadh
A thuit gaisgich gun tuar fo lainn.
“ A thriath Chrathmo,” thuirt an righ, 110
“ Mhic Roinne, shealgair nan tore ciar ;
Gun bheud cha do thill thu o ’n stri, )
A gharbh iolair a’ tearnadh o ’n t-sliabh.
Bithidh Lanshuil an urla bhain
Fo aoibhneas aig a h-uisge fein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence