Skip to main content

‹‹‹ prev (196) Page 178Page 178

(198) next ››› Page 180Page 180

(197) Page 179 -
Caib. XVI.3
ANNS AN ANAM.
179
rousonda, no gun aidicheamaid, gur easan ar dcarbh-
shealbhadoir agus ar n-uachdaran dligheacli; gun tug-
amaid sinn fein suas da, mar ar caraid ro-ghrasmhor,
agus gun iarr sinn e mar ar n-ard shonus. Cha ’n ’eil
aon nis is cothromaiche, no gum biodh sinne, toradh a
chumhachd, agus luach fail a Mliic, leis-san, agus leis
fein gu siorruidh. Ma gheibh thu sealladh ccnrt air a
chuis, bithidh e na aobhar brbin do d’ anam, gun deacli-
aidh tu riamh air seacharan o’n Dia uile-bheannuichte
agus 0 sheirbhis ; air chor ’s nach bi thu deonacli air
fuireach uaithe car bliadhna no latha ni's faide. Ni thu
gairdeachas air son thu a thoirt air ais d’a ionnsuidh a
chreutair ceannairceach ; agus mar a striochd thu roimh
so do bhuill nan inneil neo-f hireantachd do ’n pheacadh,
gun gabh thu tlachd le thu fein a striochda do Dhia, mar
air teachd beo o na marbhaibh, agus do bhuill a ghnath-
achadh mar inneil fireantachd do Dhia (c).
§ 3. Bithidh an striochda so coiomlan, ’s a thae suilbh-
earradh agus grad. Bithidh an t-iomlan diot fein, gach
ni a ta agad, agus gach ni is urrainn duit a dheanamh,
t-iiine, do mhaoin, do chumhachd os ccann dhaoin eile, air
a thoirt suas d’ a, a chum san uine tha ri teachd, gu’m bi
iad air an gnathachadh gu h-iomlan air a shon, agus a
chum a ghloire. Cha sanntaicb thu ni a chumail air ais
uaith, ach tuigidh tu, gu bheil thu anns an t-seadlv is
firinnichc agus is luachmhoire san am sin Icat fein, an
uair is mo a bheir thu thu fein suas dho-san. Tha thu
mar ah ceudna san am shonruichte so, ris gach ni a ta
thu a sealbhachadh a thoirt thairis fo stiuradh a fhreasdail
ghrasmhoir; cha 'n e a mhain ag aideachadh a chumh¬
achd, ach a’ co-aontachadh r’a cheart choir, air e dhean¬
amh riut fein, agus air gach ni a bhuilich e ort, mar is
toil leis; agus a nochdadh gu bheil thu lan toilichte leis
na rinn e, agus gum bi thu mar sin leis gach ni a ni e an
diaigh so.
(c) Rem. iv. 13.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence