Skip to main content

‹‹‹ prev (168) Page 150Page 150

(170) next ››› Page 152Page 152

(169) Page 151 -
Caib. XIV.3
ASJXS AN ANAM.
151
Ma mheasar an Caibdcil so tuille ’sfada r’a leughadh an
aon am,faodar gu h-iomchuidh a roinn an so.
§ 18. Mar so nochd mi dhuit air mhodh aithghearrft
nigne no gne a chriosduidh, a thaobh Dhe agus d' ar
tacbh fein: Ceadaich dhomh a nis a radh, gu bheil an
soisgeul a’ teagasg dhuit seoladhnan die a tha ro-fheumail
a lhaobh ar co'-ckreutairibh. Tha iad uile air an cuir sios
’s na briathraibh so, Gradhaich do choimkearsnach mar
thu fein (f) ; agus ge b’ e ni a b' aill leat iadsan a dhean-
amh dhuitse, a reir an cothrom, gun deanadh tusa a
leithid eilc dhoibhsan (g). Ni diadh’achd ar Slanuigh’ear
bheannuichte, an uair a bhitheas e an uachdar a’d’ anam,
buaidh a thoirt air fein-spcis mhi-riaghailteach, agus
foghlumaidh e dhuit amharc gu caomhail baigheil air do
choimhearsnach mar thu fein. Ma tha thu fiosrach air (h»
choir fein, bithidh tu fiosrach air a choir-san; mar tha
thu a cumail suas-do chliu fein, cumaidh tu suas a chliu-
san. Miannaichidh tu a leas, agus ni thu comhnadh ris,
jnar bu mhaith leat easan a dheannmh riutsa na shamhui]
do staid. Gabhuidh tu san t-seadh is fearr a chainnt
agus a dheanadas a dh’ f haoidte chuir 'an teagamh. Gabh-
aidh tu tlachd na shonus, agus ni thu co’-mhothachadh
le dheireas. Agus is sonadh a bhios tu, an uair a bhios
an aigne so agad, an uair a bhios an reachd luachmhor so
scriobht air do chridhe, agus a ni thu a shior chleachda
gun leth-phairt gach aon am.
§ 19- Teagaisgidh an soisgeul duit mar an ceudna,
macanlasa chuir umad, {hi) cha 'n e a mhain a thaobh Dhe,
a’ ’geilleadh d’ a fhocal, agus do shuidheachadh a fhreas-
dail, mar a chaidh earaluchadh roimh ; ach mar an ceud¬
na a thaobh do bhraithribh do’n chinne-daoine. Ni a
theagasg caomhail do chleachda ri ciuineachd inntinn fo
(S) Rflmi xiii. 9.
(q) Mat, vii. 12.
(h) Cob iii> 12.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence