Skip to main content

‹‹‹ prev (122) Page 104Page 104

(124) next ››› Page 106Page 106

(123) Page 105 -
ANNS AN ANAM.
105
Caib. X.^
aidh; agus ni is ro chudthromaiehe, mar fhreagras tu
do d’ choguis fein ; mar fhreagras tu do ’n bhreitheamh
shiorruidh, nach cuir thu cul ris na smuainte agus ris a
churam sin, gus an d’ thoir thu gu crich shonadh iad;
gus an gabh thu Criosd mar raoghainn, agus slighc na
slainte a dh’ orduich e, agus gun tabhair thu thu fein suas
do Dhia ’am bannaibh co-cheangad shiorruidh.
7. Mar so fagaidh mi a chuis ’am fianuis an Tighearn,
agus a’d’ lathair fein. Dh’innis mi dhuit mo ghnoth-
ach. Chuir mi mo theachdaireachd an ceill duit. Cha
’n ’eil e ’n comas domh briathran is druightich a ghnath-
achadli. Cha ’n urrainn domh smuainte is cairdeile no
is eagallaich a nochdadh. Tog do raoghainn ma ta, co
dhiubh a theid thu ’mach (mar g ’am b’ ann) sgeadaich-
te an eudach-saic, chum thu fein a shleuchdadh sios aig
a chosaibh-san a tha san am so a’ cuir nan cuireannan
grasmhor sin air sith agus maitheanas a’d’ ionnsuidh :
No an seasamh thu a mach na aghaidh, gus an tig e 1c
daidheamh na laimh, a dhcanamh teann chunntas riut
airson gach ar-amach agus cionta a rinn thu, agus airson
cul a chuir ris an tairgse so cuideachd. ’S toileach mi
gun gabh thu an raoghainn is fearr, a’s cha ’n fhaod mi a
chreidsinn, gum bi an t-saothair ghraidh so gu tur cho
caillte’s nach bi aon anam air a thoirt a dh’ ionnsuidh
Chriosd, le striochda toileach, agus le creidimh iriosal.
Thoir leat briathran, ma ta, agus pill ris an Tighearn
(A) ; agus O gun robh iad so a leanas, gu neo-chealgach
aig gach neach a leughas iad.
Am Peacach a’ geilkadh do na h-earailibh sin, agus a
nochdadh gu bheil e toileach gabhail ri Slainte trid
losa Criosd.
tuille ’s a choir e ! Cut cinnteach cha ruigear a leas a
THIGHEARNA bheannuichte, ’s leoir e! is
(h) Hos. xiv. 2.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence