Skip to main content

‹‹‹ prev (120) Page 102Page 102

(122) next ››› Page 104Page 104

(121) Page 103 -
AXNS AN ANAM.
103
Caib. X.3
cleamhairij ma thimchioll a dheisciobuil, a bhuin co neo-
fhiachail ris, imich, thoir fios do m’ bhraithribh, gu bheil
mis a’ dol suas a dh’ ionnsuidh m’ athar fein agus bliur
n-atharse, a chum mo Dhe fein agus bhur De-se ' x\
Guidheam ort leis a cho-aontachadh sin leis an dubhairt
e ri Tomas, ’n uair a bha e cho mi-chreideach, cuir an so
do mheur, agus feuch mo lamhan, agus sin an so do lamb,
agus cuir a’m’ thaobh i; agus na bi mi-chreideach, ach
creideach (y). Guidheam ort, air a churam bhaigheil
agus dhileas a bh’ aige da shluagh, a thug e leis do
ionadaibh na glbire, a’s leis an d’ aontaich e a Spiorad a
dhortadh a nuas co saibhir mhiorbhuileach, chum fhocal
slainteil a chraobh-sgaoileadh (2). Guidheam ort, le
guth a cho-mhothachaidh agus a chumhachd sin, leis an
dubhairt e ri Saul, am feadh a bha e a’ deanamh dochoir
air eagluis, a Shauil, a Shauil, c'ar son a ta thu ’gam
gheur-leanmhainnse (a) ? Air a mhaitheas fhiughantach
sin a thug air an namhuid striochdta sin a chaomhnadh,
am feadh a bha e na shineadh aig a chosan, ’s a thog
suas e gu inbh co ard, ’s nach robh e a bheag na b’ isle no
na h-Abstoil a b’ airde (6). Guidheam ort air cuimh-
neachan gach ni a rinn Criosd cheana, agus 1c dbchas ris
na thaefathast r’a dheanamh airson a shluaigh. Guidh¬
eam ort, a dh’ aon bheum, air slat-rioghail a ghrais, agus
claidheamh a cheartais, leis an cuirear a naimhdean uile
gu bas na fhianuis (c), nach builich thu an uine luachmhor
sin ri faoineachd, am feadh a tha a Spiorad a’g oibreach-
adhort; nach caill thu cothrom theagamh nach faigh
thu am feasd tuille, agus a thaobh an fheum a ni thu
dheth, ris a bheil do shonas siorruidh an earbsadh.
§ 5. Guidheam ort, air an tiom-chridhe chairdeil, a
tha dligheach uait do mhinisteiribh dileas Chriosd, a tha
ri dian shaothair, a’ searmonachadh agus ri urningh, a*
fx) Eoin. xx. 17. fy) Eoin. xx. 27. (2) Gniomh. ii. 35.
(a) Gniomh. tx. 4. (b) 2 Cor. xii. 1!. (c) L«c. xix. 27.
1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence