Skip to main content

‹‹‹ prev (114) Page 96Page 96

(116) next ››› Page 98Page 98

(115) Page 97 -
ANNS AN ANAM.
97
Caib. IX.3
a bhi air mo chridhe, a smachduicheas moran da thograidh
mhiannach, agus an stiuradh an sruth chlais eile! Maigh-
stir a tha 'g radh, an crann-ceusaidh a thogail agus easan
a leantuinn ! Gu aire shonruicht a thoirt mo bheatlia a
chaithe gu diadhaidh stuama, guh-ionraic agus firinneach;
gun dealuchadh riu sin air aon chor, a dh’ aon bhuaireadh
gan tigeadh a’m’ rathad, no air son aon bhuannachd, na
gu ole a sheTichnadh, no eadhon gu’m bheatha fein a
chaomhnadh : ach nan gairmeadh am freasdal d’a ionn-
suidh sin mi, mi fein a ghiulan mar gam b’ fhuathach
leam eadhon mo bheatha fein (»n)! A Thighearna, tha
so cruaidh airfuil agus fcoil! ’sgidheadh tha mi mothach-
adh gu bheil aon ni eile is cruaidhe na so.
“ Leis gach faicill agus strioehda dhiubh sin, bhiodh
e na chaileigin do sholas le uaill mo naduir, nam faodainn
gu diomhair a smaoineachadh gu’m bu mhi mo shlanuigh-
ear fein; gun do ehuir mo ghliocas agus mo run-suidh-
ichte fein, cuibhriehean an namhuid fa sgaoil; agus gun
tug mi an luach leis an deachaidh mo shaoradh a chean-
nach, a mach as m’ ionmhaisibh fein. Ach an eigin
domh luidhe sios an lathair neach eile mar chiontach
dite-te, mar neach fann gun chobhair? Agus an eigin do’n
chomain a bhi air a meudachadh, agus a chuid do’n chliu
aig eadar-mheadhonair cuideachd ? An eigin do bhi air
mo rusgadh as m’ fhireantachd fein, agus a bhi mar so
co-ionann ris an duine is suarraiche? Seasamh aig
caithir a bhreitheanais a measg nan ciontach .is mb, a’g
aideachadh mar ni iadsan, a bhi ciontach, agus ag iar-
ruidh saoradh air a cheart dbigh air an d’fhuair iadsan e?
“ Cha’n’eil a chridhe again as an aodan a radh, gu
bheil an doigh so mi-reusanda. Tha mo ehoguis a’ togail
fianuis a’m’ aghaidh, gun do pheacaich mi, ’s nach faod
mi bhi air m’ fhireanachadh am fianuis De, mar dhuine
Hco-chiontach agus umhail. Tha mo choguis ag innseadh
- (m) Luc. xiv. 26.
K

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence