Skip to main content

‹‹‹ prev (78) Page 60Page 60

(80) next ››› Page 62Page 62

(79) Page 61 -
Cnib. VI.j
ANNS AN ANAM.
6i
thu direach a nis malluiehte le malluchd, mar tha Dia
gu duraclidach a labhairt (f) ; le malluchd an De is ro-
Airde: Seadh tba gach malluchd a tha sgriobhta an
leabhar an lagha air an comharrachadh a d’ aghaidh (g).
Faodai Dia a h-aon air bith dhiubh a chuir gu cothro-
mach an gniomh ortsa ann an tiota; agus ge nach ’eil
thu san am so a’ ikireachduinn a h-aon diubh, gidheadh
m’ ar dean trbcair neo-chriochnach Dhe a bhacadh, 's
gearr gus an d’^theid iad a stigh ad’ chom mar uisge^ gus
an sgain thu leo, agus theid iad air feadh do chnamh
mar ola (/i). ' . 1
§ 4. Mar so a deir an Tighearna, An t-anam a chion-
taicheas gheibh e sin bas (i). Ach chiontaich thusa,
agus uime sin tha thu fo bhinn a bhais. Agus ciod am
bas, O dhuine thruaigh ! Ciod a chrioch a bhios air na
nithe sin ? Gun glac cruaidh-ghleachd naduir a’ dol eug
thu ; gum bi t-anam air a spionadh air falbh o d’ chorp
lag, agus gum pill thu chum na h-uir o’n d’ thainig thu
(&) : ’Se so gun amharus aon do thoradh uamhasaich a
pheacaidh. Leis na briathraibh druighteaeh sin, sgriobh
Dia do gach cinneach agus do gach linn dhaoine, a
chuimhneachan eagallach air fhuath naomh do ’n pheac-
adh, agus air a dhiom fhirinnich na aghaidh. Ach mo
thruaighe, cha ’n ’eil ann an so uile ach toiseach air cuis
gu mor is uamhasaiche. Cha ’n ’eil ann ach mar bhuille
garbh neo-chneasta, leis a bheil na cuibhrich air am
bualadh bh’ arr a chiontaich, an uair a tha e air a thoirt a
mach gu claoidh agus gu fulang.
§ 5. Mar so a deir an Tighearna, pillear na h-aingidh
do dh’ ifrinn, eadhon gach cinneach nach cuimhnich Dia.
Ge do robh cinnich iomlan ann diubh, cha saor an aireamh
no an cumhachd iad. Bithidh iad air an iomain do dh*
ifrinn co-lath, do ’n ghainntir loisgich sin, a dheasuich
(J) Mai. iii. 9. (g) Dcut. xxix. 20. (/i) Salai. cix. 18.
(i) Esec. stviii. 4. (i) Satm. civ. 29.
G

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence