Skip to main content

‹‹‹ prev (39) Page 21Page 21

(41) next ››› Page 23Page 23

(40) Page 22 -
22
TOISEACH AGUS FAS DIADH’aCHD, £Cait>. II.
’s ga seolt’ a tha daoin air fas ann am mearachd, cha d’
amuis iad fathast air seol gu cuir na aghaidh. Agus le
so a clireidsinn, nach eil thu faiciiui, am feadh a tha thu
mar so air seacharan o Dhia, gu bheil leir-sgrios agus
truaighe a’ d’ shlighibh (p) ? An dean an leisg agus an
dearmad inntinn so do dhion ? An gleidh e o’n bhas thu ?
An gabh e do leth-sgeul o’n bhreitheanas ? ’S mo b’ ion
duit fuighair a bhi agad gun dcanadh do shuilean a
dhruideadh do theasargain o’n leoghann bheucach; no
gun deanadh amharc rathad eile do chorp a dhion o bhi
air a lot’ le peileir na le claidheamh. An uair a tha Dia
a labhairt mu amaideachd ghraineil cuid do dhaoine
dearmadachj nach eisdeadh ri comhairl air bith, tha e ag
radhj air mhodh rc-uabhasach, Anns na laithibh deirean-
nach bheir iad so fainear le lan aire (q), agus nach ’eil so
freagarrach do d’ chor-sa ? Nach fheudar dhuit, luath no
mall, smaoineachadh air na nithibh sin, eo dhiubh a’s
math na’s ok leat e ? Agus nach ’eil thu lan fhiosrach
gur e bhi smaoineachadh umpa gu trathail durachd-
ach, trid gras Dhe, an aon doigh air do leir-sgrios a
bhacadh ?
§ 15. Cha ruig mi leas moran cainnt a labhairt mu
chuis a tha co-soilleir. Tha mothachadh cheana aig do
choguis air a chins, ge nach fiach leat aideachadh. Agus
a chum a dhearbhaidh, leig leom aon cheist eile fheoraich
dhiot: An deanadh tu air chumhadh na cumhnant air
bith, tighinn gu run-suidhichte gun smaoineachadh tuille
mu dhiadh’achd, na curam air bith a ghabhail tuille mu
thimchioll, o’n latha agus o’n uair so, agus an gabhadh tu
cuid do chunnairt do’n dearmad sin ? ’Se mo lan bharail
nach ’eil an duine sin ann a bhiodh co dana’s a chuireadh
so roimhe. Tha mi’n dochas gun biodh a chuid a’s mo
do m’ leughadoiribh ullamh gu bhi air bhall-chrith le
smaoineachadh air.
(/>) Rom, iii. 16.
(y) Jer- xxiii. 20.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence