Skip to main content

‹‹‹ prev (35) Page 17Page 17

(37) next ››› Page 19Page 19

(36) Page 18 -
18
toiseach aous PAS diadh’acud, £Caib. II.
coir’ air bith a dheanamh dhoibh-san. Ceadaichibh
dhomh, uime sin, air dhomh fein a bhi air mo dhusgadh,
tighinn a dh’ ionnsuidh gach aon aguibhse, agus a radh,
mar thuirt na maraichean ri lonas, am feadh a bha e na
chadul ann an doin-shion bu neo-chunnartaiche na sa
bheil sibhse. Ciod is ciall duit, o thus a ta a’d’ chadul,
eirich agus gairm air do Dhia (i). Am bheil thu an
teagamh nach 'eil a chuis so anabarrach riasonda agus
feumail ? Cuiridh mi a cheist, agus freagair mi (£) :
Freagair mi a reir do choguis fein, mar neach a dh'
fheumas, man tig ach nine ghearr, atharrachadh so do
chunntas a thoirt seachad.
§ 10. Tha thu 'g aideachadh, gu bheil Dia ann : agus
's math a dh’ fhaodas tu sin : Oir cha’n urrainn duit do
shuilean fhosgladh, nach faic thu lan dearbhadh air a
lathaireachd agus air a dheanadas. Tha thu ga fhaicinn
m’an cuairt duit aims gach cuspair. Cha’n’eil cuisle
no feith annad aims nach 'eil thu ga mhothacha, ma dh’-
fhaodas mi sin a radh. Tha thu faicinn agus a’ faireachd-
uinn, nach e a mhain, gun do dhealbh e thu le gliocas an-
ard, fad os ceann aon ni b’ urrrainn duin a lan thuigsinn
no a bhreithneachadh, ach gu bheil e do ghnath dlu dhuit,
ge b'e ait am bheil thu, no ge b’e ni a tha thu deanamh,
a latha no dh’ oi’che : oir ann-san tha sinn beo, agus a
gluasad, agus tha ar bith aguinn (/) ; Innsidh tuigse
naduir dhuibh, nach e ur gliocas, ur cumhachd, agus ur
faicill fein, a tha toirt air ur eridhe bualadh, no air ur fuil
ruidh gu siubhlach ’n ar cuislibh; a tha tarruing a mach
agus u steach anail na beatha, an anail chioguildich na
beatha ro neo-ehinntich sin, a tha ’nar cuinneanaibh (»«).
Tha iad sin a’ gabhuil deanamh ’n uair a tha sibh ’n ar
codal, co math agus ’n ar duisg, an uair nach eil smaoin-
each air bith aguibh umpa. Ciod a tha ’n sin ach lamb
(i) Jon. i. 6. (/<) Job. xxxviii. 3.
(m) Isa. it. 22.
(/) Gniomb. xvii. 28.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence