Skip to main content

‹‹‹ prev (26) Page 8Page 8

(28) next ››› Page 10Page 10

(27) Page 9 -
ANNS AN ANAM.
Caib. 1.3 ANNS AN ANAM. 9
'a uair a chul-shleumhnaicheas iad o Dhia, 's a ghcilleas
iad d’ an naimhdibh spioradail.
§ 11. Tha eagal orm, gu’m bi an samhuil so tiiille ’s
bitheant; gidheadh, tha dochas agam, gum bi moran
ann, a bhios an giulan, mar chamhanaich na maidne, a
dhealruicheas ni’s mo agus ni’s mo gu ruig an latha iomlan.
(6.) Agus air an aobhar sin, bheir sinn an oirp is fearr a
dh’ fhaodas sinn, air cdmhnadh a dheanamh ris a chrios-
duidli gu breith neo-chlaon a thoirt mu fhas grais na
chridhe; {Cctib. 26.) mar a rinn sinn roimh gu barail a
thoirt mu a threibh-dhireas. Leis mar nach ’eil aon ni is
dbcha fas grais a mheudachadh na gnathachadh beothail
graidh do Dhia agus naomh ghairdeachas ann, cuiridh
sinn an cuimhn’ an fhior chriosduidh, na sochaircan sin
a bhrosnuicheas gus an gradh agus an gairdeachas sin a
dhusgadh suas ■, {Caib. 27-) agus le geur-bheachd air na
nithe sin, brosnuiehear e gu dian oirp a thoirt air bhi
feumail ’sa bheatha so, a tha ro-chiatach agus cliu-thoill-
tinneach do’n Chriosduidh, agus a bhios nan inneil air a
choron a gheibh & mar dhuais a dhealruchadh. {Caib. 28.)
Air dhuinn a bharaluchadh gun caith e a bheatha air an
doigh sin, leigidh sinn ris da an t-aiteas agus an solas leis
am faod e amharc air aghaidh air bas agus air breithean-
as : {Caib. 28.) Agus tarnuidh sinn crioch air an iomlan,
le a threoruchadh mar g’am b’ ann, co dlu’s a dh’ fhao¬
das sinn, air gleann dorcha sgail a bhais, tre’n eigin da
dol chum gloir; a’ seola dha na meadhonan leis am faod
e urram a thoirt do Dhia, agus am barrachd meas a chuir
air diadh’achd, le ghnathachadh an am a bhais. {Caib. 30.)
Agus tha dochus agam, gum bi mi, trid beannuchadh
agus gras Dhe, an cail co fortanach, agus gu’m fag mi
iadsan gu h-aoibhin ait a’ dearcadh air breitheanas agus
siorruidheachd, agus a’ glbrucha Dhe le beatha agus bas
an fhior Chriosduidh, a fhuair mi air bhall-chrith, an
duil eagallaich ri truaighe shiorruidh ; no faodai e bith,
an staid bu chunnartaiche agus bu truaighe na sin j eadh-
(A) Gnath, ix. 18.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence