Skip to main content

‹‹‹ prev (21) Page 3Page 3

(23) next ››› Page 5Page 5

(22) Page 4 -
4
toiseach aous fas diadh’achd, £Caib. I.
agus fior-chrabhadh ath-bheothachadh. Agus, am measg
chaichj faodaidh ughdar an leabhair so le mor dhanachd a
radh, gur e so a bhrosnuich e fein chum an oirp so a thoirt,
ann am meadhon a choi-lion ni eile’s a th’aige san am ma
kimh. Air son so tha e toileach ioma ni eile bu taitniche
leis fein, agus math a dh’fhaoidtebu mho a thairneadh do
chliu dha, a leige dheth. Air a shon so tha e toileach
deas-chainnt na h-ur-labhradh a leigeadh air chul, a chum
agus le cainnt shoilleir sho-thuigsinn |gun oirpicheadh e
chuir an comas a chuid is isle do’n t-sluagh a kn thoirt
fainear. Chum na chriche so bheir e oirp air mothachadh
a thoirt do’n tuigse, agus air drughadh air cridhe gach
neach a leughas an leabhar so. Agus ann an aon fhocab
b’e a run dol leat do d’ sheomar uaigneach, o latha gu
latha ; agus labhairt riut gu saor, soilleir, durachdach, mu
thimchioll na nithe mor agus cudthromach a dh’f hoghlum
e o’n fhoillseachadh Chriosduidh, agus tha dearbh chinnt
aige ris a bheil do shonas siorruidh fein 'an earbsa. Ma
se's gun do chaidh thu do bheatha a so suas as easbhuidh
diadhachd, gum biodh tu nis air do bheothachadh gu
thoirt fainear, agus gu eolas fhaotainn air a nadur agus air
a ro-f heumaileachd ; no ma tha thu cheana trid gras an
Uile-chumhachdaich, a thaobh gna-fhiosruchadh eolach
uime, eun deantar cbmhnadh leat, chum am barrachd
eolais fhaotainn air.
§ 5. Bu ghean-math leis gun deanadh tu do chaoimh-
neas ris, o’n is gnothach soilleir durachdach ris a bheil
thu a’ dol a thionnsgnadh, gum bu deonach leat eisdeachd
ris gu foisneach furachair. Tha e 'g aslucha gum bi na
h-earailean, agus na beachd-smuaintean so air am meo-
raich ’nuair bhitheas fath agad air, agus air an toirt fai¬
near ann an uaigneas ; agus gun deanadh tu do cheartas
ris-san agas riot fein, na chreideadh gu bheil no nithean-
an a tha air an cuir an ceill, agus na sanais a th’ air an
toirt seachad an so, a’ sruthadh o fhior-dhurachd agus o
ghradh : o chridhe nach duraigeadh a bheag no mhor do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence