Skip to main content

‹‹‹ prev (46) Page 40Page 40

(48) next ››› Page 42Page 42

(47) Page 41 -
41
Am fear nach cuir ri fuachd cha bhuain ri teas.
'S treise tuath na tighearn.
'S e deireadh gach coinneamh sgaoileadb.
Cha tig as a phoit ach an toit a chaidh innte.
Ceann mor air duine glic 's ceann circ air amadan.
Is m.iosa an t-eagal na 'n cogadh.
BVi fadadh teine fo loch,
Bhi tiormachadh cloich an cuan,
Comhairle thoirt- air mnaoi bhuirb,
Mar bhuille uird air iarunn fuar.
Is sleamhainn stairsneach an taighe mhoir.
'S ceannach air an ugh an gloc.
La air mhisge 's la air uisge.
Am fear a gheibh ainm a mhoch-eiridh faodaidh e cadal
gu meadhon latha.
An neach a bhitheas fada gun eiridh feumaidh e bhi na
leum fad an latha.
An neach a ghoideadh an t-snathad, ghoideadh e am
meuran nam faodadh e.
Gigan mor agus ugh beag.
Am fear a bhuaileadh mo chu, bhuaileadh e mi fein nam
feudadh e.
An car a bhios 'san t-seann mhaide 's duilich thoirt as.
Cha glilac cat lamhainneach luchan.
Cha robh sean nach robh 6g.
Taigh gun cliu, gun chat, gun leanabh beag—taigh gun
ghean, gun ghaire.
Is minic a chaidh cu gionach a thachdadh.
Is minic a thuit an capall ceithir-chasach.
'S minic a bha craicionn an laoigh air an fheill roimh
craicionn a mhathar.
'S iomadh rud a thig air an laogh nach saoil a mhathair.
An rud nach buin duit na buin da,
Theid cuilean ri dualchas.
Fear dubh d^na, fear hkn bleideil, fear donn dualach, 's
fear ruadh sgeigeil. (Referring to the colour of hair.)
'S iomadh leisgeul a th' aig a gheamhradh air a bki fuar,
cir cha bu dual da bhi teth.
Is fhiach aon diiigh da mhaireach.
Na bi bogadh do lij^an anns an lite nach ith ths.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence