Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 92Page 92

(108) next ››› Page 94Page 94

(107) Page 93 -
SPIORADAIL. 98
' S bidh do ghras dhoibh as iir mar dhriuchd na
niaidainn
Toir urach' neart dhoibh gach uair ;
' S tu leomhann treubh ludah, 's fiur nan gaisgeach,
' S tu dhuisg a mach as an uaigh :
'S bidh naimhdean do ghloir na'n stol fo d'chasaibh,
' S do mhorachd marcachd le buaidh.
'S fear tagraidh thu, ann an cuirt nam flaitheas,
R(1 dhluth do chathair nan gras,
'S tu aingeal a chumhnant, 's tuis 'ga mhasgadh.,
Ni 'n urnuigh taitneach na lathair;
'S tu suim do gach samhl', 's tu ceann na h-Eagluis
' S gach am ni freagairt na h-ait';
' S an Sagairt, 'san iobairt, chriochnaich annad,
' S tu brigh a's anam gach sgaU.
' S tu Slum agus brigh a Bhiobail uile,
'A sgriobhadh dhuinne le Dia,
'S tu beath' gach feoil, 's tu gloir na cruith'eachd,
' S tu 's oirdheirc chunnaic sinn riamli,
' S tu grian agus gloir, 's tu ceol nam fiaitheas,
' S tu dortadh maitheas gach taobh,
'S ged robh siorruidheachd ann gun cheann air
dhuinne,
Cha rannsaich uile do ghaol.
O sibhse thug speis dha treigibh 'm peacadh,
'S gach ceum do sheachran an t-sluaigh,
A's leanaibh e fein le ceumaibh seasrahach,
Toir geill d'a reaehdan gach uair.
O bithibhse naomh, 's thugaibh gaol 'aar cridhe,
Dha fein, d'a shligh', 's d'a shluagh ;
A's seinnibh an traths' le gi'as air an t-slighe,
'S ni 's fearr 'n uair bhios sibh shuas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence