Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Page 45Page 45

(61) next ››› Page 47Page 47

(60) Page 46 -
46 BAN
' S mis' a shoar thu o'li truaigh;
'S mis' a cheaimuich o'n bhas thu,
' S daor a phaig mi do luach;
'S ma bheir thu umhlachd 'us gradh dhomh,
Sud amhain na bheil uam.
Ge do tha mi ga d'fhagail,
Anns an f hasadch air chuairt;
Tha mi 'g ullachadh ait dhuit,
Anns an aros tlia shuas;
'S ge d' robh trioblaidean craiteach,
'Ga do sharach' car uair,
Le ainglibh mo latharachds',
Bheir mi tearuinnt' thu suas.
Tha mi 'g innse sud trath dhuit.
'S ann is fearr bheir thu buaidli,
Gu'm bheil feirg air an Dragon,
Fa'n a ghradhaich thu'n t- Uan ;
'S gheibh thu diumb' o do chairdibh,
Ach gheibh thu gairdeachas uams';
' S biths-s' ri caithris 'us urnuigh,
Gus an turling mi 'nuas.
O Shlanuigh-fhear Ghrasmhor!
' S tu 's fearr dhomh tha beo ;
' S an uair a chuimhneas mi t-fhabhar,
Tha m' aobhair gairdeachais mor;
' S cha 'n e idir bhi taireal,
Air do sgaths' rinn mo leon;
Ach 's e mo ghiulan mi-rianail.
Is trie a mheudaich mo bhron.
' Se mo pheaca 's m' eas-umhlachd,
A dli'fhag briute mi chaoidh;
'S gur ann 'leighis mo chreuchdan,
A cheus iad mo Righ;
Chaidh t-fhuil phriseal a 'thaoinadh
Air son gach aon de' do naoimh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence