Skip to main content

‹‹‹ prev (53) Page 39Page 39

(55) next ››› Page 41Page 41

(54) Page 40 -
40
Thig o'n Righ-chaithair mhoir,
S cha d'theid a mheasgadh le bron f eadh gach iaL
Garadh Edein.
Nach truagh libhse mar dh'eirich,
An Garadh Edein do'n t-sluagh;
Le cuilbheartan Shatain,
'Mheal Ebh' agus Adhamh,
Cum umhlachd thoirt dhasan,
An aghaidh Ard-Righ nan sluagh;
' S thug sud doruinn 's gach ait dhoibh,
' S f huar am has orra buaidh.
Thug e'n naomhachd, 's an gloir dhiu.
Thug 's an eolas, 's an iul;
' S ge d' bu mhoir an cuid solais.
Chain iads' an sin coir air,
Bha cheartas an toir orr',
'S chaidh a throcair air cul;
' S mar d'thigeadh Slanuigh-fhear gloirmhor,
B>i ro bhronach ar duil.
Ach thainig sgeul aoibhinn,
A chum nam brajghdean bha'n sas;
Thainig losA, le solas,
Chum an saoradh o'n doruinn,
'S fan sheas e'n coir dhoibh,
Chaidh Eis' a leonadh na'n ait-s';
'S tha firinn 'us trocair
Air comhlachadh na bhas.
Nach aoibhinn an sgeula
Tha ga leubhadh do'n t-sluagh?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence