Skip to main content

‹‹‹ prev (176) Page 164Page 164

(178) next ››› Page 166Page 166

(177) Page 165 -
SALM CVII. 165
13 Do uabharachd am peacanna
cha 'n eil aig daoine suim,
Gus an tig trioblaid agus truaigh,'
mar uallach air an druim.
14 An sin tra bhios iad dIu do'n bhas,
is grain aca d' am biadh,
Glaodhaidh iad suas ri Dia 'nan airc,
is caisgidh e am pian.
15 Labhraidh e 'm facal trocaireach,
is deonuichidh dhoibh slaint;
Is saoruidh e an anma bochd
o dhochann is o bhas.
16 O b' fhearr gu mola' daoine Dia
arson a mhaitheis chaoin,
'S arson a throcair iongantaich
do ghineil chiontach uhaoin'!
17 ladsan a dh' fhuasgail Dia nan gras
o ghabha 's cunthart geur,
Is cubhai' dhoibh, gu taingeil ait,
a mhaitheas chur an ceill.
18 lad sin tha siubhal fairge moir
chi cumhachd 's trocair Dhe;
Oir innsidh 'n cuan a mhiorbhuile,
CO maith ri tir is speur.
19 Air iartas eiridh 'n doinion gharbh
le seide' gailbheach cruaidh;
'S le onfha fhuaimneach atmhor ard
an cuan 's gach kite luaisg.
20 Air barr nan tonnan eiridh iad
gu neamh air uairibh 'n aird;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence