Skip to main content

‹‹‹ prev (349) Page 335Page 335

(351) next ››› Page 337Page 337

(350) Page 336 -
I. E O I N.
gheibh sinn uaith e, do bhrigh gu
bheil sinn a' coimhead àitheantan,
agus a' deanamh nan nithe a tha tait-
neach 'na fhianuis-san.
23 Agus is i so àithne-san, gu'n
creideamaid ann an ainm a Mhic
Iosa Criosd, agus gu'n gràdhaich-
eamaid a chèile, mar a thug esan
àithne dhuinn.
24 Agus an ti a choimhideas
àitheanta-san, tha e gabhail còmh-
nuidh ann, agus esan annsan : agus
le so is aithne dhuinn gu bheil esan
a' fuireach annainn, o'n Spiorad a
thug e dhuinn.
C A I B. IV.
1 Tha e toìrt rabhaidh dhoibh gun
iad a chreidsinn gach uile luchd-
teagaisg a ni bòsd as an Spiorad,
ach an dearbhadh le rìaghailtibh a'
chreidimh choiùchionn : 7 agus
tha e le h-iomadh reuson 'gam
brosnachadh gu gràdh bràthaircil.
AMHUINNTIR ionmhuinn,
na creidibh gach uile spiorad,
ach dearbhaidh na spioradan, an ann
o Dhia a tha iad : do bhrigh gu bheil
mòran do fhàidhibh brèige air dol a
mach do'n t-saoghal.
2 Le so aithnichibh Spiorad Dhè :
gach uile spiorad a dh'aidicheas gu'n
d'thainig Iosa Criosd san fheòil, is
ann o Dhia a tha e.
3 Agus gach uilo spiorad nach
aidich gu bheil Iosa Criosd air teachd
san fheòil, cha'n .tnn o Dhia a tha
e ! agus is e so spiorad sin an ana-
criosd, neach a chuala sibh e -bhi
teachd, agus a nis tha e cheana anns
an t-saoghal.
4 A chLmn bheag, tha sibhse o
Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan ;
do bhrigh gur mò esan a ta annaibhse,
na'n ti a ta'anns an t-saoghal.
5 Tha iadsan o'n t-saoghal : uime
sin tha iad a' labhairt mu'n t saoghal,
agus tha'n saoghal ag èisdeachd riu.
6 Tha sinne o Dhia : an tiaig am
bheil eòlas air Dia, èisdidh e ruinne;
an ti nacli 'eil o Dhia, cha'ri èisd e
ruinn. O soaitbnichidh sinn spiorad
na fìrinn, agus spiorad an t-seachar-
ain.
_ 7 A mhuinntir ionmhuinn, gràdh-
aicheamaid a chèile : oir is ann o
Dhia tha'n gràdh ; agus gach neach
a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e,
agus is aithne dha Dia.
8 An ti nach gràdhaich, cha'n
aithne dha Dia ; oir is gràdh Dia.
9 An so dh'fhoillsicheadh gràdh
Dhè dhuinne, do bhrigh gu'n do
chuir Dia aon-ghin Mhic do'n
t-saoghal, chum gu'm bitheamaid
beo trìdsan.
10 An so a ta gràdh, cha'n e gu'n
do ghràdhaich sinne Dia, ach gu'n
do ghràdhaich esan sifwie, agus gu'n
do chuir e a Mhac fèin gu bhi 'na
iobairt-rèitich air son ar peacaidh.
11 A mhuinntir ionmhuinn, ma
ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha
dh'fhiachaibh oirnne chèile a ghràdh-
achadh mar an ceudna.
12 Cha'n fhaca neach air bith
Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn
a chèile, tha Dia 'na chòmhnuidh
annainn, agus tha a ghràdh air a
choimhlionadh annainn.
13 O so is aithne dhuinn gu bheil l
sinne 'nar còmhnuidh annsan, agus
esan annainne, do bhrigh gu'n d'thug
e dhuinn d'a Spiorad.
14 Agus chunnaic sinn agus tha
sinn a' deanamh fianuis, gu'n do
chuir an t-Athair am Mac uaith gu
bhi 'na Shlànuighear an dornhain.
15 Ge b'e neach a dh'aidicheas gur
e Iosa Mac Dhè, tha Dia 'na chòmh-
nuidh annsan, agus esan ann an
Dia.
16 Agus dh'aithnich sinne agus
chreid sinn an gràdh a tha aig Dia
dhuinn. Is gi àdh Dia ; agus an ti a
tha fantuinn ann an gràdh, tha e 'na
chòmhnidh ann an Dia, agus Dia
annsan.
17 An so tha ar gràdhne air a
dheanamh coimhìionta, chum gu'm
bi againn dànachd ann an là a*
bhreitheanais : do bhrigh mar a tha
esan, gur amhuil sin a tha sinne anns
an t-saoghal so,
18 Cha 'n'eil eagal ann an gràdh ;
ach tilgidh gràdh diongmhalta an
t-eagal a mach ; do bhrigh gu bheil
plan san eagal : an ti a tha eagalach,
c iomlan, foirfe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence