Skip to main content

‹‹‹ prev (170) Page 156Page 156

(172) next ››› Page 158Page 158

(171) Page 157 -
C A I B. XX.
157
C A I B. XX.
1 Tha Muire teachd a clium na
h-uaighe ; 3 agus Peadar agus
Eoìn, agus ìad gun fhios aca air
aiseirigh-san. 1 1 Dhyhoillsicheadh
' Criosd do Mhuire Magdalen, 19 a-
gus d'a dheisciobluibh. 24 Mi-
chreidivih agus aidmheil Thomais,
AIR a' cheud ià do'n t-seachduin
thainig Muire Magdalen gu
moch, agus an dorchadas fathast ann,
chum na h-uaighe, agus chunuaic i
a' chlach air a togail o'n uaigh.
2 Ruith i an sin, agus thainig i gu
Simon Peadar, agus gus an deisciobul
eile a b'ionmhuinn le h-Iosa, agus a
deir i riu, Thug iad leo an Tighearn
as an uaigh, agus cha 'n'eil fhios
againn c'àit an do chuir iad e.
5 Uime sin chaidh Peadar a mach,
agus an deisciobul sin eile, agus thain-
ig iad chum na h-uaighe.
4 Agus ruith iad 'nan dithis
maraon : agus ruith an deisciobul
eile ni bu luaithe na Peadar, agus
thainig e air tùs chum na h-uaighe.
5 Agus air cromadh sìos da,
chunnaic e 'n lion-eudach 'n^luidhe;
gidheadh cha deachaidh e steach.
6 An sin thainig Sirnon Peadar
'ga leantuinn, agus chaidh e steach
do'n uaigh m , agus chunnaic e 'n lìon-
eudach 'na luidhe ;
7 Agus an neapaicin a bha m'a
cheann, cha'n ann 'na luidhe maille
ris an lìon-eudach, ach air leth air
fhilleadh ann an aon àit.
8 An sin chaidh a steach raar an
ireudna an deisciobul sin eile a thainig
air tùs chum na h-uaighe, agus
chunnaic, agus chreid e.
9 Oir cha do thuig iad fathast .an
scriobtuir, gu'm b'èigin gu'n èireadh
esan a rìs o na marbhaibh.
10 An sin dh'imich na deisciobuil
a rìs chum an cuideachd fèin.
1 1 Ach sheas Muire aig an uaigh
a muigh, a' gul : agus ag gul dith,
chrom i sìos, ag amharc a steach do'n
uaigh,
12 Agus chunnaic i dà aingeal
~ann an culaidhibh geala, 'nan suidhe,
fear aig a' cheann, agus fear aig na
cosaìbh, san àit an robh corp Iosa 'na
ìuidhe ;
13 Agus a deir iadsan rithe, A
bhean, c'ar son a ta thu gul ? A deir
i riu, Air son gu'n d'thug iad mo
Thighearn leo, agus nach 'eil fhios
agam c'àit an do chuir iad e.
14 Agus an uair a thubhairt i so,
phill i air a h-ais, agus chunnaic i
losa 'na sheasamh, agus cha d'aithn-
ich i gu'm b'e losa bha. ann.
15 A deir Iosa rithe, A bhean,
c'ar son a ta thu gul ? cò ta thu
'g iarraidh ? air saoiìsinn d'ise gu'm
b'e an gàradair a bh'ann, a deir i ris,
A thighearn, ma thug thusa leat e,
innis dhomlisa c'àit an do chuir thu
e, agus bheir mise leam e.
16 A deir Iosa rithe, A Mhuire.
Air tionndadh dh'ise, thubhairt i ris,
Rabboni, 'se sin r'a ràdh, A Mhaigh-
stir.
17 A deir Iosa rithe, Na bean
rium : oir cha deachaidh mi fathast
suas clrum m r Athar : ach imich
chum mo bhràithre, agus abair riu,
Tha mise dol suaschuram'Athar fèin
agus bhur n-Atharsa, agus chum mo
Dhè fèin agus bhur Dè-se.
18 Thainig Muire Magdalen agus
dh'innis i #k> na deisciobluibh, gu'm
fac i 'n Tighearn, agus gu'n dubhairt
e na nithe so rithe.
19 Agus air teachd do'n fheasgar
an là sin fèin, air a' cheud là do'n
t-seachduin, agus na dorsa dùinte far
an robh na deisciobuil cruinn air
eagaì nan Iudhach, thainig Iosà agus
sheas e sa' mheadhon, agus a deir e
riu, Sìth dhuibh.
20 Agus air dha so a ràdh, nochd
e dhoibh a làmhan agus a thaobh. An
sin bha aoibhneàs air na deisciobluibh
an uair a chunnaie iad an Tighearn.
21 An sin Thubhairt Iosa riu a
rìs, Sìth dhuibh : mar a chuir an
t- Athair uaith mise, mar sin a ta mise
'gar cursa uam.
22 Agus air dlia so a ràdh, shèid c
orra, agus a deir e riu, Gabhaibhse
an Spiorad naomh.
23 Cò air bith iad d'am maith sibh
ampeacaidh, tha iad maithte dhoibh;
agus cò air bith iad d'an cum sibh am
111 ait'adhlacaidh,
O

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence