Skip to main content

‹‹‹ prev (126) Page 112Page 112

(128) next ››› Page 114Page 114

(127) Page 113 -
C A I B. XX.
II-
do Cheasar. 27 Tlia e dearbhadh
mearachd nan Sadusach, a bha 'g
àìcheadh aiseirigh nam marbk, $c.
AGUS tharladh air aon do na
làidiibh sin, an uair a bha e
teagasg a' phobuill san teampull,
agus a' searmonachadh an t-soisgeil,
gu'n d'thainig na h-àrd shagairt agus
na scrìobhuichean air, maille ris na
seanairibh.
2 Agus labhair iad ris, ag ràdh,
Innis duinn ciod c an t-ùghdarras
leis am bheil thu a' deanamh nan
nithe so ? no cò esan a thug an t-ùgh-
darras so dhuit ?
o Agus f hreagair esan agus thubh-
airt e riu, Fcòraichidh mise mar an
ceudna aon rii dhibhse ; agus freag-
raibh mi :
4 Baisteadh Eoin, an ann o nèamh
a bha e, no o dhaoinibh ?
5 Agus rcusonaich iad eatorra fèin,
ag ràdh, Ma tlieir sinn, O nèamh,
their esan, C'ar son ma ta nach do
chreid sibh e ?
6 Ach ma their sinn, O dhaoinibh,
clachuidh an sluagh uile sinn ; oir is
deimhin leo gu'm b'fhàidh Eoin.
7 Agus fhreagair iadsan, Nach
robh fhios aca cia uaith a bha e.
8 Agus thubhairt Iosa riu,,Ni mò
a dh'innseas mise dhuibhse ciod e an
t-ùghdarras tre 'n deanam na nithe
so.
9 An sin thòisich e air a' chosamh-
lachd so a labhairt ris an t-sluagh :
Phlannduich duine àraidh f ìon-ìios,
agus shuidnich e air tuath e ; agus
chaidh e air choigrich rè aimsir
f hada.
10 Agus anns an àm dhliglicach
chuir e seirbhiseach dh'ionnsuidh na
tuatha, chum gu'n d'thugadh iad da
do thoradh an fhìon-iios : ach ghabh
an tuath air, agus chuir iad uatha
falamh e.
11 Agus a rìs chuir e seirbhiseach
eile uaith ; agus gbabh iad . airsan
mar an ceudna, agus mhaslaich-. iad e,
agus chuir iad uatha falainh e.
12 Agus a thuilleadh air sin chuir
e 'n treas seirbhiseach uaitli.; agus
lot iad esan mar an ceudna, agus
tliilg iad a mach e.
13 An sin thubhairt Tighearn an
fhìon-lios, Ciod a ni mi ? cumdh mi
mho IMliac gràdhach d'an ionnsuidh i
feudaidh e bi, air fhaicinn doibh,
gu'n d'thoir iad urram dha.
14 Ach an uair a chunnaic an
tuath e, reusonaich iad eatorra fein,
ag ràdh, Is e so an t-oighre : thigibh,
marbhamaid e, chum's gu'm bi 'n
oighreachd againn fèin.
15 Agus thilg iad a mach as an
fhìon-lios e, agus mharbh iad e.
Ciod uime sin a ni Tighearn an
fhìon-lios riu ?
16 Thig e agus sgriosaidh e an
tuath ud, agus bheir e 'm fìon-lios
do dhaoinibh eile. Agus an uair a
chual iad so, thubhairt iad, Nar leig-
eadh Dia.
17 Agus air dhasan amharc orra,
thubhairt e, Ciod e so ma seadh a ta
scrìobhta, A' chlach a dhiult na clach-
airean, rinneadh ceann na h-oisinn
dith ?
18 Ge b'e neach a thuiteas air
a' chloich sin, brisear e : ach ge b'e
neach air an tuit i, prcnnaidh i gu
luaithreadh e.
19 Agus anns an ìisit sin fèin
dh'iarr na h-àrd shagaiii; agus na
scrìobhuichean làmh a chur ann ; ach.
bha eagal an t-sluaigh oitu ; oir thuig
ind gu'm b'ann 'nan aghaidh fèin a?
ìabhair e'n cosamhlachd so.
• 20 Agus rinn iad geur fhaire air^
agus chuir iad a mach luchd feill, a
leigeadh orra fèin a bhi 'nam fìrean-.
aibh, chum's gu'n deanadh iad greim
air f hoclaibh, air chor's gu'n d'thug-
adh iad thairis e do chumhachd agus
do ùghdarras an uachdarain.
£1 Agus dh'fheòraich iad deth,-.
ag ràdh, A mhaighstir, tha f hios ag-
ainn gu bheil thu a' Jabhairt agus a',
teagasg.gu ceart, agus nach 'eil suim
agad do phearsa duine snm bith, ach
gu bheil thu teagasg slighe Dhè a
rèir na.fi rinn.
22. Am . bheil'e ceaduichle dhtiinn
cìs a thoirt do Cheasar, no nach.
'eii ?
23 Ach thuig-esan an cu.ilbheart^
achd, agus thubhairt e riu Car son a
ta sibh ga m' bhuaireadh ?
24 Nochdaibh dhomh peghinn ;
cia lei^ an deajbh agus an scrìobhadh
a ta oirre ? Fhreagair iadsan agus
tlìubhairt iad, Le Ceasar,
K,3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence