Skip to main content

‹‹‹ prev (45) Page 31Page 31

(47) next ››› Page 33Page 33

(46) Page 32 -
32
M A T A.
tuath eile, a bheir a thoraidh dha 'nan
aimsiribh fein.
42 Thubhairt Iosa riu, Nach do
leugli sibh riamh anns na scriobtuir-
ibh, A'chlach a dhiult na clachairean,
rinneadh i 'na cloich-chinn na h-ois-
inn : 's e an Tighearn a rinn so, a-
gus ata e iongantach 'nar sùilibhne?
43 Uime sin a deirim ribh, Gu'n
toirear rioghachd Dhè uaibhse, agus
gu'n toirear do chinneach eile i, a
bhcir a toraidh uatha.
44 Agus ge b'e neach a thuiteas
air a' chloich so, brisear e ; ach ge b'e
air an tuit i, ni i mìn luaithre dheth.
45 Agus an uair a chuala na h-ard
shagairt agus na Phairisich a chos-
amhlachdasan, thuig iad gu'm b'ann
timpa fein a labhair e.
46 Ach an uair bu mhiann leo
breith airb, bha eagal a' phobuill orra,
oir bha meas fàidh ac' airsan.
C A I B. XXII.
1 Cosamhlachd bainnse mhic an Righ.
9 Gairm nan Cinneach : 12 pea-
nas an fldr a bha dh'uireasbhuidh
truscain na bainnse. 15 Is coir cìs
ìocadh do Cheasar, SfC.
AGUS fhreagair losa, agus labh-
air e riu a rìs an cosamhlachd-
aibh, ag radh,
2 Is cosmhuil rioghachd nèimhe
ri righ àraidh, a rinn banais phòsàidh
d'a mhac fein,
3 Agus chuir e a sheirbhisich a
ghairm na muinntir a f huair cuireadh
chum na bainnse : ach cha b'àill leo-
san teachd.
4 A rìs chuir e d'an ionnsuidh
seirbhisich eile, ag radh, Abruibhse
rìs a' mhuinntir d'an d'thugadh cuir-
eadh, Feuch, dheasuich mi mo dhìn-
neir : a ta mo dhaimh agus mo sprèidh
bhiadhta air am marbhadh, agus a ta
na h-uile nithe ullamh : thigibh chum
na bainnse.
5 Ach chuir iadsan an suarachas*?,
agus dh'imich iad rompa, fear dhiubh
d'a f hearann, agus fèar eile chum a
cheannachd :
6 Agus rug a' chuid eile dhiubh
air a sheirbhisich, agus thug iad mas-
ìodh dhoibh, agus mharbh siad iad.
i> b'àill leo lamJi a chur ann>
7 Ach an uair a chual an righ so 4
ghabh e fearg ; agus chuir e 'armailt-
ean uaithe, agus sgrios e an luchd
mortaidh sin, agus loisg e am baile-
san.
8 An sin thubhairt e r'a sheirbhi-
sieh, Gu firinneach a ta a' bhanais
ullamh, gidheadh an dream a f huair
cuireadh cha b'fhiu iad e.
9 Air an aobhar sin imichibhse
gus na rathaidibh mòra, agus a iìon
daoine 's a gheibh sibh, cuiribh iad
chum na bainnse.
10 Agus chaidh na seirbhisich sin
a mach air na rathaidibh, agus chruin-
nich iad gach uile neach a f huair iad,
eadar oìc agus mhaith : agus lìonadh
tigh na bainnse ie muinntir a shuidh
chum bìdh.
1 1 Agus air dol a steach do'n righ
a dh'fhaicinn nan aoidiiean, chunnaic
e an sin duine aig nach robh truscaa
na bainnse uime :
12 Agus thubhairt e ris, A cha-
raid, cionnus a thainig thusa steach
an so, gun truscan na bainnse umad?
Ach dh'fhan esan 'na thosd.
13 An sin thubhairt an righ ris^
na seirbhisich, Air a cheangal duibh
eadar chosan agus lamlian, togaibh
libh e, agus tilgibh e anns an dorcha-
das iomallach : an sin bithidh gul a-
gus gìosgan f hiacal.
14 Oir a ta mòran air an gairm,
ach beagan air an taghadh.
15 An sin dh'imich na Phairisich,
agus ghabh iad comhairle cionnus a
dh'f heudadh iad esan a ribeadh 6 'na
chainnt.
16 Agus chuir iad d'a ionnsuidh
an deisciobuil fein, maille ri luchd-
leanmhuinn Heroid, ag radli, A
mhaighstir, a ta f hios aguinn gu bheii
thusa nor, agus gu bheil thu teagasg
slighe Dhè ann am firinn, agus nach
'eil suim agad do dhuine sam bith :
oir cha 'n'eil thu ag amharc air pear-
saibhd dhaoine.
17 Uime sin innis dhuinne do
bharail, Am bheiì e ceaduichte cìs a
tìiabhairt do Cheasar, no nach 'eil ?
18 Ach air tuigsinn am mìoruin a
dh' Iosa, thubhairt e, C'ar son a ta,
sibh ga m' bbuaireadh, a chealgaireacÌ
c glìlacadh. d gnùìs Qr*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence