Skip to main content

‹‹‹ prev (21) Page 7Page 7

(23) next ››› Page 9Page 9

(22) Page 8 -
8
M A T A.
n-ionmhas, is ann an sin a bhios bhur
cridhe mar an ceudua.
22 Is i an t-sùil solus a' chuir.p :
nirne sin ma bhios do shùil glan,
bithidh do chorp uile làn sohiis.
23. Ach ma bhios do shùil gu
h-olc, bithidh do chorp uile dorcha.
Air an aobhar sin ma ta an solus a ta
annad 'n a dhorchadas, cia mòr an
dorchadas sin ?
24 Cha'n mrainn neach air bith
seirbhis a dlieanamh do dhà Thigh-
earna : oir an dara cuid bithidh fuath
aige do neach aca, agus gràdh. dò
neaoh eile ; no gabhuidh e le neach
aca. agus ni e tàir air neach eile.
Cha 'n urrainn sibh seirbhis a dhean-
amh do Dhia agus do Mhamon.
25 Uime sin a deirimse ribh, Na
biodh ro-chùram oirbh mu thimchioll
bhur beatha, ciod a dh'itheas no
dh'òlas sibh ; ho mu thimchioll bhur
cuirp, ciod a chuireas sìbh umaibh :
an e nach mò a' bheatha na 'ra biadh,
agus an corp na'n t-eudach ?
26 Amhaircibh air eunlaith an a-
thair : oir cha chuir iad sìol, agus cha
bhuain iad, agus cha chruinnich iad
an saibhlibh : . gidheadh a tabhur n- A-
thair nèamliaidhse 'g am beathachadh;
an e nach fearr sibhse gu mòr na
iadsan ?
27 Agus cia agaibh le mòr chùram
a dh'fheudasaonlamh-choille m achur
r'a airde fein ?
28 Agus c'ar son a ta sibh ro chù-
ramach mu thimchioll bhur culaidh ?
fòghlumaibh cionnus a ta na lilighean
a' fàs sa' mhachair ; cha saothraich
iad, agus cha snìomh iad.
29 Gidheadh a deirimse ribh, Nach
robh Solamh fein 'n a uile ghlòir, air
eudaehaclh mar aon diubh so.
50 Air an aobhar sin, ma ta Dia
mar sin a' sgeadachadh feoir na mach-
aire, a ta an diugh ann, agus am màir-
each air a thilgeadh san àmhuinn, an
e nach mò na sin a sgeadaicheas e
sibhse, a dhaoine air bheag creidimh ?
51 Uime sin na bithibh làn do
chùram, ag radh, Ciod a dh'itheas
sinn ? no ciod a dh'òlas sinn ? no
ciod a chuireas sinn umainn ?•
52 (Oir iad so uile iarraidh na
Cinnicli) oir a ta fios aig bhur n-A-
thair nèamhaidh gu bheil feura a-
gaibhse air na nithibh so uile.
33 Ach iarraibh air tùs rioghachd
Dhè, agus f hireantachdsan, agus cuir-
car na nithe so uile ribh.
34 Uime sin na bitheadh ro-chùram
oirbh mu thimchioll an la màiroach :
oir bitliidli a làn do chùram air an la
màireach mu thimchioll a nithe fein :
is leòr do'n là 'olc fein.
' ' l ' - aX'- '1
e A I B. VII.
Anns an bheil ar Slànidghear a' crìock-
nachadh na searmoin air a' bheinn,
1 a' cronuchadh breth ghrad, 6 a'
toirmeasg nithe naomha chur an
neoshuim,
NA tugaibh breth, chum nach toù>
ear breth oirbh :
2 Oir a rèir na breth a bheir sibh,
bheirear breth oirbh : agus leis an
tomhas le'n tomliais sibh, tomhaisear
dlmibh a rìs.
5 Agus c'ar son a ta thu a' faicinn
an smùirnein 11 ataan sùildobhràthar,
ach nach 'eil thu tabhairt fa'near an
t-sail a ta ann do shùil fein ?
4 No cionnus a their thu ri d'bhràth*
air, Fulaing dhomh an smùirnein 8
spìonadh as do shùil ; agus feuch. an
t-sail ann do shùil fein ?
5 A chealgair, buin air tùs an
t-sail as do shùil fein ; agus an sin is
lèir dhuit gu maith an smùirnein a
bhuntuinn a sùil do bhràthar.
6 Na tabhraibh an ni naomha de
na madraibh, agus na tilgibh bhur
neamhnuide am fianuis nam muc,
air eagal gu saltair iad orra le'n cos-
aibh, agus ° jair pilltinn doibh gu reub
iad sibh fein as a chèile.
7 Iarruibh, agus bheirear dhuibh :
siribhR agus gheibh sibh : buaihhh
an dorus, agus fosgailear dhuibh.
8 Oir gach uile neach a dh'iarras,
giacuidh e : agus ge b'e a shireas,
gheibh e : agus do 'n ti a bhuaileas
an dorus, fosgailean
9 Oir cò an duine agaibhse, ma's
e 's gu'n iarr a mhac aran, a bheh*
cloch dha ?
10 Agus ma!s iasg a dli'iarras e,
an tabhair e nathair dha ?
bhann-lamh, n caimein. °'no. P lorgaichìbh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence