Skip to main content

‹‹‹ prev (188) Page 184Page 184

(190) next ››› Page 186Page 186

(189) Page 185 -
185
Chunna' mise latha ghluaisinn
Leis na gruagaichean mar chàirdeas ;
Dh'aithnich i gun d'f halbh an uair sin,
'S chuir i uaithe mi le angar.
Innsidh mi dhuibh teisteas Anna,
O'n is aithne dhomh 'san àm i,
Bean a dh'òl a peighinn phisich,
Cha bheò idir gun an dràm i ;
Cha neònach leam i bhi misgeach,
'S i 'n còmhnaidh a measg a' bhranndai,
'S trie a bha 'na broinn na's leòir dheth,
'S bha tuilleadh 'sa chòir 'na ceann deth.
Cha n-eil a ieannan r'a fhaotainn,
Cia mar dh'f haodas e bhi ann d'i ?
Breunag ris ann can iad gaorsach,
A bha daonnan anns na càmpaibh ;
A's bha rithist feadh 'n t-saoghail
A' giùlan adhaircean aig ceardan ;
Cha d'f huair i 'n onoir a shaoil i,
'N t-urram fhaotainn air na bàrdaibh.
'S mòr an treunntas le Anna,
Bhi cho gheur le sgainneal cainnte,
'S mairg air 'na thachair bean bheumnach,
Aig am bheil am beul gun f hàitheam ;
'M fear a bheir ise dhachaigh,
'S ann air thig a' chreach 'san calldach,
'Nuair shaoil e gum bu bhean cheart i,
'S ann thachair e ri bana-mlnstear.
A bhana-chleasaiche gun ghrinneas,
'S mairg fleasgach a thèid 'na caramh.
'S trie i tuiteam leis na gillean,
Ceau-tuislidh i do na fearaibh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence