Skip to main content

‹‹‹ prev (185) Page 181Page 181

(187) next ››› Page 183Page 183

(186) Page 182 -
182
Bidh na mnathan ag ràite
'Nuair a rachadh tu'n àiridh
Gun tolladh tu'n t-àras
Anns am bitheadh an càise ;
'Nuair a dh'itheadh tu pàirt deth,
'S a bhiodh tu air tràsgadh,
Anns a' mhuidhe gu'n spàrr thu do chròg.
Anns a' mhuidhe gu'n spàrr, &c.
'S tu 'n tollaran cnkimhteach,
Ge bu ghionach do mhàileid,
Tha do mhionach air t' fhàgail,
Gun chrioman deth làthair ;
Cochull glogach ma t'àruinn,
Tha do sgamhan a's t 1 àinean
Làn galair, a's fàslaich, a's chòs.
Làn galair, a's f àslaich, &c.
Beul do chleibh air a thachdadh,
Air sèideadh 's air brachadh,
'S e gu h-eididh air malcadh,
'S mòr t'f heum air a chartadh
Gach aon eucail a' d 1 phearsa,
Caitheamh, èitich, a's casdaich,
an d' eirich do chraiceann o t' fheòil.
an d' eirich do chraiceann, &c.
Tha do chreuchdan, 's do chuislean,
Làn eugail a's trusdair,
'S thu feumach air furtachd,
Tha 'n deideadh a' d' phluicean,
'S thu t'èigin le clupaid,
T' anail bhreun, gu tròm, murtaidh,
'S mairg a dh'f heuchadh dhiot moch-thra
'S mairg a dh' fheuchadh, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence