Skip to main content

‹‹‹ prev (183) Page 179Page 179

(185) next ››› Page 181Page 181

(184) Page 180 -
180
'S tu chraobh ghrodlaich air crìonadh,
Làn mosgain, a's f hìonag,
A dh'f hàs croganach, ìosal,
Goirid, crotach, neo-dhìreach,
Stoc thu togairt do'n ghrìosaich,
A thoill do losgadh mar ìobairt,
Leig thu 'n Soisgeul air di-chuimhn' gu mòr
Leig thu 'n Soisgeul air di-chuimhn', &c
Bu bheag an diùbhail e thacbairt
An là thùr thu na facail,
Da phund agus cairteal
Do dh'f hùdar cruaidh, sgairteil,
A bhi a d'bhroinn air a chalcadh,
bhi 'gad sgàineadh le maitse,
Gus am fàsadh tu t' ablach gun deò,
Gus am fàsadh tu t' ablach, &c.
'S blìonach ruidhinn gun fheum thu,
Ge do bhitheadh tu 'm fèithe,
Coin is fithich ga d' theumadh,
Cha bhiodh an dìol bèidh ac\
'S trie thu teann air 'na h-èibhlean,
Bhreac do shuimeir gu t'èislich,
Blàth an tein' air do shlèisean gu mòr.
i Jàth an tein' air do shlèisean, &c.
0' nach tàilear is f hiù thu,
Chuir càch às a' chùirt thu ;
Bi'dh tu ghnà anns na cùiltean,
A' càradh nan lùireach,
Bu tu asainn nan clùdan,
'S trie a shuidh thu 'san smhraich,
'Nuair a bhithinns' air cùl fir nan cròc.
'Nuair a bhithinns' air cùl, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence