Skip to main content

‹‹‹ prev (177) Page 173Page 173

(179) next ››› Page 175Page 175

(178) Page 174 -
174
'S grunndail, cruaidh mu'n t-saoghals' iad
Cunntaidh iad na faochagan,
A chionn gur fas' an sgaoileadh,
Na'm faotainn air na cladaichean.
A chionn, gur fas', &c.
'S iad luchd a' chridhe chrin,
Tha deante ris a' mhi-thuireachd,
Na'n cuirte bharr na criche iad,
Bha'n tir so air a gart-ghlanadh.
Na'n cuirte bharr, &c.
Chi sinn f hathasd a' chàraid
'S na drumachan ra'm màsaibh,
Gu'n cuir a Bharàbadoes,
Cun ghin gu bràth thigh'n dachaigh dhih,
Gu'n cuir a, &c.
CEAD DEIREANNACH NAM BEANN.
Bha mi 'n dè* 'm Beinn-dòrain,
'S na còir cha robh mi aineolach,
Chunna' mi gleanntan
'S na beanntaichean a b'aithne dhomh ;
Be sin an sealladh èibhinn
Bhi 'g imeachd air na sl&bhtibh,
'Nuair bhiodh a' ghrian ag èiridh,
'Sa bhiodh na fèigh a' langanaich.
'S aobhach a ghreidh uallach,
'Nuair ghluaiseadh iad gu farumach,
'S na h-èildean air an f huaran,
Bu chuannar na laoigh bhallach ann ;
# 19th Sepifemljer, 1809,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence